Plana Gàidhlig Shiorrachd Obar Dheathain

  • 14 An t-Sultain 2015
Suaicheantas Chomhairle Shiorrachd Obar Dheathain
Image caption Dh'fhaodadh gun cosg am plana Gàidhlig aca còrr is £300,000 dhan Chomhairle.

Dh'fhaodadh gun cosg e còrr is £300,000 do Chomhairle Shiorrachd Obar Dheathain, am plana Gàidhlig aca a chur an sàs.

Fon phana, dheadh soidhnichean rathaid a dhèanamh dà-chànanach a thuilleadh air suaicheantas na Comhairle fhèin.

Cluinnidh comhairlichean an t-seachdain seo gur dòcha gun tèid oifigear Gàidhlig fhastadh air cùmhnant trì bliadhna, aig cosgais de mu £100,000.

Ma dh'fheuchas a' Chomhairle ri airgead a chùmhnadh le roghainnean nas saoire, tha dragh oirre gum fulaing a cliù ma thèid a' chùis a chur mu choinneimh Riaghaltas na h-Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile