MoD a' diùltadh gluasad air prìs a' Ghallain

  • 11 An t-Sultain 2015
Ionad RAF Àird Ùige
Image caption Dh'innis eòlaiche don Urras gun cosgadh e suas ri £500,000 an t-àite a ghlanadh 's a thilleadh gu staid nàdarra.

Dhiùlt an MoD taic a thoirt do dh' iomairt choimhearsnachd air taobh siar Leòdhas 'son seann làrach an RAF a cheannach.

Tha Urras Gob a' Ghallainn ag amas air £110,000 a thogail 'son am fearann a cheannach, ach tha iad ag ràdh gur e briseadh-dùil a bh' ann am freagairt an MoD nuair a dh'iarr iad cuideachadh mu choinneimh na chosgas e an làrach a dhèanamh sàbhailte.

Tha asbestos anns na togalaichean, agus dh'innis eòlaiche don Urras gun cosgadh e suas ri £500,000 an t-àite a ghlanadh agus a thilleadh gus staid nàdarra.

Thòisich iad air pròiseas laghail feuch am faigh iad air a' phrìs a leagail - gluasad a bheir beagan a bharrachd ùine dhaibh, gu meadhan na Dùbhlachd, mus tèid an talamh air a' mhargaidh fhosgailte.

Luach an Airgid

Tha an t-Urras ag iarraidh sia obraichean a chruthachadh aig an ionad, agus trì teaghlaichean ùra a thàladh chun na sgìre.

Ach tha an MoD ag ràdh gum feum iad luach an airgid fhaighinn dhan sporan phoblach.

Tha iad ag ràdh gur e pròiseas coimearsalta a th' ann, agus nach urrainn dhaibh an talamh a thoirt seachad an asgaidh, no a' phrìs a thoirt a-nuas.

"'S e sealladh na coimhearsnachd, gun robh an t-àite seo leis an MoD bho thràth sna leth-cheudan," thuirt Màrtainn Hayes.

"Chan eil cothrom air a bhith aig an t-sluagh a dhol ann idir. Cheannaich iad e bhon oighreachd air glè bheag de dh'airgead, agus bha daoine an dùil gun glanadh iad suas e beagan, 's a ràdh ris a' choimhearsnachd "seo sinne deiseil leis a-niste, faodaidh sibh fhaighinn air ais.

"Gu mì-fhortannach cha do thachair sin.

"Chan eil fhios aig duine dè th' air a bhith a' dol air adhart an seo bho chionn deugachadh bhliadhnaichean.

"Tha an RAF air a bhith glè mhath don choimhearsnachd, ach tha am faireachdainn ann a-niste gu bheil sin uile air falbh, 's gu bheil am baile a' crìonadh - agus gur e an t-àite seo as coireach gu ìre mhòir.

"Tha e gar cumail air ais."