Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Dùinidh a' bhòtadh airson ceannard ùr nan Làbarach an ceann uair a shìde aig meadhan là. Tha mòran den bheachd gur e Jeremy Corbyn bhon làimh chlì a shoirbhicheas, ged a tha aithrisean ann gun do rinn Yvette Cooper adhartas anns na buillean mu dheireadh den iomairt. 'S iad Andy Burnham agus Liz Kendall an dithis eile a sheas. Thèid an ceannard ùr ainmeachadh Disathairne.

Cosgaisean

Chaidh 26 ball ann am Pàrlamaid Westminster ainmeachadh nach do phàigh air ais cosgaisean nach bu chòir dhaibh a bhith air iarraidh anns a' chiad àite. Tha na ministearan riaghaltais Tobias Ellwood agus Edward Timpson nam measg. Thuirt a' bhuidheann faire ann an Taigh na Cumantan gun do dh'fhàilnich orra uair an dèidh uair an t-airgead fhaighinn air ais agus bheil iad a-niste air cuir às dha na fiachan uile gu lèir.

A9

Tha dùblachadh air rathad an A9 eadar Inbhir Nis agus Peairt a' tòiseachadh an-diugh, agus a' chiad earrann dheth sin beagan deas air an Aghaidh Mhòir. Mairidh an obair gu lèir, a chosgas £3bn, fad deich bliadhna. 'S fhada bho gheall Riaghaltas an SNP seo ach tha mòran a' gearain mun ùine mus tàinig e gu buil.

Morrisons

Tha Morrisons a' dùnadh sia deug de na bùithean mòra aca, a' cur 900 cosnadh ann an cunnart. Thuit am prothaid gu mòr, 47%, air na sia mìosan mu dheireadh. Tha 60 bùth aca ann an Alba ach chan eil fios fhathast dè a' bhuaidh a bheir seo orra sin.

Waitrose

Bha prothaidean Waitrose nas lugha cuideachd airson a' chiad uair ann an seachd bliadhna, sios 1.3%. Tha Caidreachas John Lewis, dham boin Waitrose, ag ràdh gur e cosgais stòras peinsean an luchd-obrach as coireach gun robh am prothaid sìos 26% air a' chiad leth den bhliadhna.

Sgoiltean

Tha dragh air pàrantan aig a bheil clann ann an sgoiltean a' Bhac agus Tolastadh ann an Leòdhas gun deach ceannard an dà sgoil sin a chur an àite fear de dh'àrd-oifigich foghlam Comhairle nan Eilean Siar, rè ùine. Chaidh an t-àrd oifigeach fhèin a chur a Bheinn nam Faoghla gu àm na Nollaig. Tha dragh air pàrantan an dà sgoil gum fulang foghlam na cloinne agus gum fàg e barrachd uallaich air na tidsearan.

Post

Tha muinntir Thiriodh agus Mhuile a' gearain gu bheil na litrichean a tha iad a' cur dhan phost a' dol a Ghlaschu a-niste mus till iad dha na h-eileanan a-rithist. Tha dragh ann gu bheil maill air litrichean cudromach, leithid litichean dotair. Thuirt Comhairle Coimhearsnachd Mhuile gu bheil seo gun chiall 's gu bheil a h-uile coltas ann gu bheil e a' cur tuilleadh cosgais air a' Phost Rìoghail. Cha tuirt am Post Rìoghail dad fhathast mun chùis.