Faraidhean-adhair nas saoire

  • 8 An t-Sultain 2015
Plèana Loganair
Image caption Bidh Loganair a' ruith sheirbheisean Eileanach às leth na companaidh Flybe.

Dh'innis a' chompanaidh adhair Loganair gun toir iad faraidhean nas saoire do dhaoine ann an suidheachaidhean èiginn teaghlaich.

Thàinig an gluasad an dèidh iomairt air na meadhanan sòisealta, agus thèid na faraidhean a thoirt seachad aig leth na prìse àbhaistich do dhaoine a tha a' siubhail gu tiodhlaigidhean, neo ma tha duine san teaghlach ann an staid-ìosail san ospadal.

Seo a' chiad sgeama de a leithid am Breatainn, agus bidh e nas fhasa, agus nas saoire cuideachd, gus na ticeadan a ghluasad gu seirbheisean eile cuideachd fon phoileasaidh ùr.

Thèid foirm-iarrtais, agus stiùireadh a-nis a chur air làrach-lìn na companaidh.