Anna Latharna NicIllÌosa aig 70

  • 4 An t-Sultain 2015
Anna Latharna NicIllÌosa
Image caption Chan ann a-mhàin mar sheinneadair a rinn i àite sònraichte dhi fhèin, ach cuideachd mar eòlaiche-ciùil, foghlamaiche, sgrìobhadair agus neach-poileataics.

Dh'fhosgail an fhèis Blas oidhche Haoine le cuirm a' moladh tè de shàr-sheinneadairean na Gàidhlig.

Bha "Moladh Anna" - ann an Cathair-Eaglais Inbhir Nis - a' comharrachadh gu bheil Anna Latharna NicIllÌosa, 70 bliadhna de dh'aois.

Chan ann a-mhàin mar sheinneadair a rinn i àite sònraichte dhi fhèin, ach cuideachd mar eòlaiche-ciùil, foghlamaiche, sgrìobhadair agus neach-poileataics.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dòmhnall Moireasdan ag aithris air cuirm a chomharraicheas gu bheil Anna Latharna NicIllÌosa 70 bliadhna de dh'aois.

Tha i air grunn leabhraichean fhoillseachadh air seinn traidiseanta na h-Alba.

Air a trèanadh gu clasaigeach ann an stoidhle seinn Lieder na Gearmailte, tha i a' cheart cho cofhurtail a' seinn ann an Gàidhlig no ann an Albais, no ann an cànanan eile.