Bruach a'Chladaich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Leudachadh aig Bruach a' Chladaich

3 An t-Sultain 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thàinig leudachadh mòr air na tha Taigh-staile Bhruach a' Chladaich ann an Ìle a' dèanamh de dh'uisge-beatha bhon a chaidh a ghabhail thairis leis a' chompanaidh Fhrangach Remy Martin.

Ach dh'adhbhraich seo trioblaid leis nach robh rum gu leòr anns an àite airson a bhith a' stòradh na bha iad a' tarraing do mhac-na-braiche.

Mar thoradh air a sin, tha obair a-nis air tòiseachadh airson suas ri sia taighean-stòraidh ùr a thogail anns an eilean.

Seo Andreas Wolff.