Strì a dhìth air àireamhan tidsearan

  • 28 An Lùnasdal 2015
Bun-sgoil Shlèite
Image caption Chaill Bun-sgoil Shlèite tidsear ri linn 's gun do thuit àireamh nan sgoilearan, ach tha dùil gum bi na h-àireamhan air èirigh a-rithist an ceann bliadhna.

Tha Comhairle nam Pàrant ann an Slèite a' brosnachadh phàrantan air feadh na dùthcha strì a dhèanamh gus nach bi uimhir de sgoilearan mu choinneimh gach tidsear ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig 's a th' ann am foghlam tro mheadhan na Beurla.

Tha am beachd seo a' nochdadh an dèidh do Chomhairle na Gàidhealtachd iarrtas o phàrantan Bun-Sgoil Shlèite, a bha ag iarraidh gun deadh an treas tidsear a ghlèidheadh san sgoil, seach an àireamh a bhith air a gearradh gu dithis, a dhiùltadh.

Bha àireamh nan sgoilearan air tuiteam fon ìre a chumadh triùir san sgoil, ach bha na pàrantan ag ràdh gun robh clann nas òige a' tighinn nan àite, agus gum biodh clann gu leòr innte an ath-bhliadhna airson an treas tidsear fhìrinneachadh a rèir a' phoileasaidh a th' ann an-dràsta.

Ach cho-dhùin Comataidh an Fhoghlaim am poileasaidh a chumail mar a tha e, agus aon tidsear mu choinneimh gach 25 sgoilear, ge b' e an cànan.

Gainnead Thidsearan Gàidhlig

"Bha sinn na dùil 's dòcha gur e seo a thachradh, ach fhathast 's e briseadh-dùil a th' ann nach do ghabh a' Chomhairle ris na molaidhean a bh' againne gum faodadh sinn an treas tidsear a chumail ann am Bun-Sgoil Shlèite," thuirt Sarah Jane Chaimbeul bho Chomhairle nam Pàrant.

"Ach cumaidh sinn oirnn ag iomairt, gu h-àraidh leis an stiùireadh nàiseanta a tha gus a bhith ann airson foghlaim Ghàidhlig, far am bi sinne a' moladh gum bu chòir na rèisiothan a bhith nas ìsle airson na Gàidhlig.

"Tha fhios againn uile, nuair a thathas a' teagaisg dàrna cànain do chloinn, gu bheil feumalachdan a bharrachd ann, agus gun cuireadh e feum air rèisiothan nas lugha.

"Feumaidh sinn tighinn ri chèile. Chan e seo rud dìreach a tha a' tachairt an Slèite, tha e a' tachairt air feadh na dùthcha.

"Tha mi a' smaointinn gum bu chòir pàrantan air feadh na dùthcha tighinn ri chèile, 's dòcha ath-chuinge eile dìreach le pàrantan fhaighinn airson taic a chur ris gum bu chòir dhaibh coimhead dha-rìribh ris na rèisiothan a tha seo agus an ìsleachadh.

"Tha e furasta gu leòr a ràdh "sin na rèisiothan. Chan eil na h-àireamhan agaibh" ach 's dòcha gum bu chòir dhaibh coimhead air gach suidheachadh fa-leth.

"Can mar an t-suidheachadh againn fhèin, far a bheil dìreach gann de na h-àireamhan dìreach airson aon bhliadhna.

"'S e ùpraid mhòr a tha seo anns an teagasg a tha a' chlann a' dol a dh'fhaighinn airson aon bhliadhna.

"Air sàilleamh tha fhios againn gum bi na h-àireamhan àrd gu leòr ann am bliadhna eile nuair a dh'fheumas iad an treas tidsear a thoirt dhuinn.

"Agus a bharrachd air sin tha eagal oirnne 's dòcha na tidsearan a tha seo, a bha a' teagaisg anns a' Ghàidhlig, gum feum iad gluasad gu obraichean anns a' Bheurla.

"Dè thachras an uair sin nuair a dh'fheumas sinne an treas tidsear?

"'S dòcha nach bi na tidsearan ann, gum bi gainnead de thidsearan Gàidhlig ann," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo