Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

In-imreachd

Dh'aidich Ministear na h-In-imreachd, James Brokenshire, gur e briseadh-dùil mòr a th' anns na figearan oifigeal a sheall gun deach in-imreachd san fharsaingeachd a-staigh a Bhreatainn suas 94,000 air a' bhliadhna suas gu deireadh a' Mhàirt. Bha an àireamh airson na bliadhna sin aig 333,000, an àireamh as motha a-riamh. Tha na Làbaraich ag ràdh gum feum an Riaghaltas beachdachadh às ùr air an t-suidheachadh.

Nicola Sturgeon is am BBC

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba ag iarraidh sheirbhisean ùra radio agus telebhisean bhon BhBC ann an Alba. Canaidh Nicola Sturgeon, aig Fèis Telebhisean Dhùn Èideann an-diugh, gum bu chòir dhan BhBC gabhail ri structar feadarailach agus barrachd de dh'airgead cìs an telebhisein a thoirt dhan BhBC ann an Alba airson prògraman ùra.

Tidsearan

Dh'aontaich comhairlichean na Gàidhealtachd an-diugh an aon rèisio thidsearan a chumail airson sgoilearan ann an clasaichean tro mheadhan na Gàidhlig 's a th' anns a' Bheurla. Tha sin a dh'aindeoin iomairt mhòr a rinn pàrantan ann an Slèite a bha ag iarraidh atharrachadh leis gun do chaill iad tidsear Gàidhlig 'sa bhun-sgoil an sin leis gun robh àireamh nan sgoilearan air tuiteam. Ach dh'aontaich Comataidh an Fhòghlaim an-diugh am poileasaidh fhàgail mar a tha e.

Gunnaichean

Thuirt an Ceann-suidhe Obama gum feum na Stàitean Aonaichte barrachd a dhèanamh airson gunnaichean a chumail bho dhaoine aig a bheil trioblaidean. Bha e a' bruidhinn an dèidh bàs tè-naidheachd, Alison Parker, agus fear-camara, Adam Ward, air an do loisg fear a bha ag obair aig aon àm dhan aon steisean craolaidh riutha. Chuir Vester Flanagan gunna ris fhèin an dèidh na h-ionnsaigh ann am Virginia.

Aimsir

Chuir Riaghaltas na h-Alba buidheann-obrach air bhonn a bheir cuideachadh do thuathanaich agus croitearan air an tug an droch shìde buaidh am-bliadhna. Agus, gheall Ministear nan Cùisean Dùthchail, Ridseard Lochhead, gun tèid an taic-airgid àbhaisteach a phàigheadh ann an deagh àm.

Total

Dh'aontaich a' chompanaidh ola Fhrangach, Total, a h-uile gnothach a tha aca ri ionad gas St Fergus ann an Siorrachd Obair Dheathain a reic. Tha luach £585m san aonta. Thuirt Total nach caill duine an cosnadh agus gun gluais luchd-obrach uile dhan bhuidhinn ùr a bhios a' ruith na làraich.