Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Crìoch na h-Ungaire

Chaidh gas deòir a chleachdadh le poilis anns na Ungair ann an oidhirp smachd fhaighinn air in-imrichean a bha a' togail fianais ann an campa faisg air a' chrìch le Serbia. Thuirt oifigearan gun robh na daoine mì-thoilichte gun robh na h-ùghdarrasan airson na lorgan meòir aca a chlàradh, agus iad a' smaointinn gun cuireadh sin stad orra bho a bhith a' siubhail gu dùthchannan Eòrpach eile. Thuirt an Riaghatlas ann am Budapest gun tèid còrr is 2,000 oifigear poilis a bharrachd a chur chun na crìche. Tha iad cuideachd a' beachdachadh air an arm a chleachdadh airson stad a chur air in-imrichean a bhith a' sruthadh a-steach dhan dùthaich.

Sìona

Thuit margaidhean earrainnean na h-Eòrpa an-diugh às dèidh oidhche thulagaich air na margaidhean Àisianach. Ann an Sìona bha clàr earrainnean Shanghai a' fiaradh air feadh an àite mus do dhùin e sìos 1.3%. Thachair seo a dh'aindeoin 's gun do gheàrr an Riaghaltas ann am Beijing ìre an rèidh an-dè, ann an oidhirp cùisean a shocrachadh.

Grianaig

Chaidh fear aois 19 a chur an grèim co-cheangailte ri bàs dhuine ann an Grianaig aig deireadh na mìos a chaidh. Chaidh Mìcheal Mearns, a bha 55, a lorg ann an cladh anns a' bhaile agus e air a dhroch leòn. Chaidh a thoirt dhan ospadal ach chaochaill e an ath-là. Tha dùil gun nochd an deugaire ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Grianaig a-màireach.

Ceannarc

Dh'aidich nighean aois 16 ri dà chasaid cheannairc co-cheangailte ri plana airson ionnsaigh a thoirt iar oifigearan poilis aig caismeachd ann an Astràilia. Chaidh an deugaire à Manchester, nach fhaodar ainmeachadh air sgàth a h-aoise, a chur an grèim anns a Ghiblean còmhla ri balach aois 15 à Lancashire. Tha am balach mar thà air aideachadh gun do dh'fheuch e ri fireannach ann an Astràilia a bhrosnachadh gus ionnsaigh a thoirt air caismeachd a' comharrachadh Là ANZAC.

Dùn Èideann

Tha poilis ann an Dùn Èideann air rannsachadh a chur air chois às dèidh mar a chaidh fireannach èigneachadh anns a' bhaile tràth an-diugh sa mhadainn. Thachair an ionnsaigh mu 06:30m, agus tha oifigearan a' sgrùdadh làraichean aig Drochaid an Ceathramh Rìgh Sheòrais, Sràid Chambers agus Cladh nam Manach Liath. Tha iad ag iarraidh air neach sam bith le fiosrachadh air na thachair a thighinn a bhruidhinn riutha.

Drabastachd Trèana

Agus dh'fhoillsich Poilis Còmhdhail Bhreatainn gu bheil aid air dithis fhireannach a chur an grèim co-cheangailte ri tachartas drabasta air trèana a bha a' siubhail à Dùn Èideann gu Inbhir Nis aig toiseach na mìos. Thuirt oifigearan gum bu chòir gun nochd na fireannaich, a tha 33, agus 38, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann a-màireach.