Dàil air leasachadh an A9 aig tuath

  • 25 An Lùnasdal 2015
Leothaidean Bhearghadail Image copyright BBC (Jim Bain/Geograph)
Image caption Tha coltas ann a-nis nach tòisich obair air an rathad gu 2017.

Tha dùil ri dàil eile sna planaichean leasachaidhean a dhèanamh air an A9 aig Bràigh Bhearghadail ann an Gallaibh.

Dhearbh Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gun deach gearainean a dhèanamh mu na molaidhean agus gu bheil coltas ann a-nis gum feum Rannsachadh Poblach Ionadail a bhith air a chumail.

Thuirt Seòmraichean Malairt Ghalaibh air a' mhìos a dh'fhalbh gun robh e a' toirt ro fhada plana-gnìomha aontachadh.

Thuirt Còmhdhail na h-Alba gun cùmadh iad orra leis an obair-dhealbhachaidh.

Ma thèid Rannsachadh Poblach Ionadail a ghairm, tha coltas ann nach tòisich obair air an rathad gu 2017.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile