Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Làraidh-sgudail

Tha fear a bha na àrd-neach-casaid a' càineadh nach deach casaidean a thogail an aghaidh dràibheir na làraidh-sgudail a bh' anns an tubaist ann an Glaschu. Thuirt brian McConnachie QC gu bheil fianais gu leòr ann airson Harry Clarke a chur fo chasaid, agus gun do rinn Oifis a' Chrùin mearachd nuair nach do rinn iad sin. Tha Mgr Clarke a' toirt fianais dhan rannsachadh ann an Glaschu an-diugh a-rithist, agus e a' diùltadh, mar a rinn e an-dè, na h-uimhir de na ceistean a fhreagairt air eagal 's gun dèan e diteadh air fhèin.

Cogadh Iorac

Thuirt Jeremy Corbyn gun iarr e maitheanas gu foirmeil às leth na Pàrtaidh Làbaraich airson Cogadh Iorac ma thèid a thaghadh mar cheannard. Thuirt Mgr Corbyn, a bhòt an aghaidh a' chogaidh bho chionn 12 bliadhna, gun robh mòran meallta mun dòigh san deach co-dhùnadh a dhol gu cogadh ann an 2003.

Thuirt seann àrd-neach-tagraidh na dùthcha, am Morair Moris, gum feum a' Phàrlamaid cabhag a chur ri foillseachadh Aithisg Chilcot air Cogadh Iorac. Thuirt am Morair, a bha anns a' chiad riaghaltas aig Tony Blair, gur e cùis-nàire a th' anns a' chomataidh sgrùdaidh agus anns an dàil anns a' chùis.

A' Ghrèig

Tha a h-uile coltas gum bi an dàrna taghadh coitcheann air a' bhliadhna seo sa Ghrèig an dèidh dhan Phrìomhaire Alexis Tsipras a dhreuchd fhàgail. Dh'iarr Mgr Tsipras taic na dùthcha airson ùine eile mar Phrìomhaire an dèidh sgaradh anns a' phàrtaidh aige Syriza mun aonta chobhair as ùire leis an Aonadh Eòrpach. Tha reubaltaich ann an Syriza ag ràdh an-diugh gu bheil iad a' fàgail na pàrtaidh agus a' stèidheachadh pàrtaidh ùr a sheasas ann an taghadh.

Crìosdaidhean ann am Beatha Phoblaich

Tha ball Gàidhealach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil feadhainn a' feuchainn ri Crìosdaidhean a chasg ann am beatha phoblaich. Bidh Dàibhidh MacThòmais aig an SNP a' bruidhinn air a' chùis aig Fèis Dhùn Èideann air an deireadh-sheachdain. Tha Mgr MacThòmais ag ràdh gu bheil dragh air gu bheil feadhainn ag iarraidh casg air luchd-eaglais air comataidhean foghlaim comhairle, agus cuideachd mun dòigh sa bheil dìmeas ga dhèanamh, tha e ag ràdh, air leithid cheannard nan Lib-Deamach, Tim Farron, airson a chreidimh.

Smàladairean Pàirt-ùine

Tha an t-seirbheis smàlaidh air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a' dèanamh oidhirp às ùr air tuilleadh luchd-smàlaidh fhastadh. Tha a' mhòr-chuid de luchd-obrach na seirbheis, gu h-àraid anns na sgìrean iomallach, ris an obair pàirt-ùine, agus tha aithrisean ann gu bheil e a' sìor-fhàs nas doirbhe dhaibh daoine a tharraing chun na seirbheis.