Companaidh ga taghadh son leasachadh an Òbain

  • 19 An Lùnasdal 2015
Oban
Image caption Cosgaidh an sgeama £2m.

Thèid an ath-cheum do dh'obair air adhart san Òban airson sgeadachadh timcheall Ceàrnag an Stèisein, Sràid Sheòrsa agus Pàirce na Bànrigh.

Dhearbh Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid gur e a' chompanaidh Land Engineering à Siorrachd Adhair a fhuair an cùmhnant.

Cosgaidh a' phroiseact £2m agus bi iad a' leudachadh na cabhsairean son luchd-coiseachd; a' cur àitean-suidhe agus solais sràid ùr suas agus a' sgeadachadh nan rèileachan.

Bi iad a' dèanamh leasachadh air Ceàrnag an Stèisein son 's gum faod iad tachartasan sònraichte a chumail ann agus tha goireas wifi poblach ga chur air dòigh cuideachd.

Tha dùil gum bi a h-uile sian deiseal aca ron t-Samhradh an ath-bhliadhna.

Tha a' chomhairle mar tha air sgeadachadh a dhèanamh air Sràid Stafford 'sa bhaile.