An Eaglais Chaitligeach an Alba duilich airson droch dhìol

  • 18 An Lùnasdal 2015
Cathair-Eaglais an Naoimh Anndrais Image copyright Getty Images
Image caption Chaidh Coimisean MhicIllFhialain a stèidheachadh an-uiridh às dèidh sreath de scainnealan bualadh air an Eaglais Chaitligich ann an Alba.

Dh'iarr Àrd-Easbaig Caitligeach Ghlaschu, Philip Tartaglia, air daoine a dh'fhulaing droch dhìol bho shagartan agus oifigich eile na h-eaglaise, mathanas a thoirt don eaglais, 's e a' freagairt air aithisg a chaidh fhoillseachadh Dimàirt, air mar a làimhsich an Eaglais na casaidean.

Thuirt e gu e eucoir uabhasach a bh' ann, a rinn cron farsainn.

Chaidh an coimisean a rinn an rannsachadh a chur air chois bho chionn dà bhliadhna, an dèidh sreath de sgainnealan tighinn am bàrr.

Thuirt an coimisean gum feumadh an eaglais mathanas iarraidh air na dh'fhulaing.

B' e obair na buidhne a bhith a' coimhead ri mar a làimhsich an eaglais casaidean mu ionnsaighean, is mar a ghabhadh piseach a thoirt air mar a bhios iad a' dèiligeadh ris an leithid.

Ghabh iad fianais bho chuid a dh'fhulang ionnsaighean, gus faighinn a-mach mar a b' urrainn dìon a chur orra is taic a thoirt dhaibh.

A bharrachd air an coimisean a stèidheachadh, tha an Eaglais cuideachd air tòiseachadh air clàr fhoillseachadh gu poblach gach bliadhna le fiosrachadh air gach casaid a tha air nochdadh.

Tha iad cuideachd a' sgrùdadh chasaidean a' dol air ais gu 1947, is iad ag ràdh gun toir iad fiosrachadh dha na Poilis far a bheil feum air.