Òrdugh Dìon Mara an sàs far Thaobh Siar Rois

  • 18 An Lùnasdal 2015
Uidheamachd bhàta-sguabaidh
Image caption Thòisich an casg aig meadhan-oidhche Diluain.

Chaidh Òrdugh Dìon Mara Èiginneach a chur an gnìomh far chosta Thaobh Siar Rois aig meadhan-oidhche Diluain às dèidh dearbhadh gun robh bàta-sguabaidh chreachain, neo dredger, ag obair ann an sgìre MPA.

A bharrachd air a mhaorach a tha ri fhaighinn anns na h-uisgeachan seo, tha coireal dùthchasail prìseil, Maerl, ann cuideachd agus tha an Riaghaltas airson dìon a chur air a sin.

Bhon a chaidh na h-uisgeachan far chosta Thaobh Siar Rois ainmeachadh mar Sgìre Ghlèidhte Mara an-uiridh, bha iasgairean air gabhail ris gu saor-thoileach, nach deigheadh iad faisg air le bàtaichean-sguabaidh.

Maerl

Ach chaidh a dhearbhadh às dèidh do dhaoine às a sgìre dealbhan a thogail, gun robh bàta-sguabaidh air a bhith ag iasgach ann.

Image copyright Paul Naylor
Image caption Cuid dhen choireal maerl

Tha iomagain air Riaghaltas na h-Alba mun bhuaidh a dh'fhaodadh leithid de dh'iasgach a thoirt air àrainneachd phrìseal na mara 's thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Ridseard Lochhead, gu bheil iad a' feuchain gu h-àraidh ri dìon a chuir air a' choireal, Maerl.

Tha an coireal seo na phàirt chudthromach den àrainneachd airson creachain bheaga àrach agus ma thèid a mhilleadh tha e toirt, chan e bliadhnaichean, ach linntinn, son tilleadh.

Chaidh an casg èiginneach a chur air bàtaichean-sguabaidh aig meadhan-oidhche Diluain, ach faodar fhathast a bhith daibheadh son creachain agus thèid iasgach nam bàtaichean beaga sgìreal air adhart mar as àbhaist.

Thuirt Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais, air Aithris na Maidne gu bheil na thachair a' dearbhadh cho beag fiosrachaidh 's a fhuair na h-iasgairean air na riaghailtean mu na sgìrean glèidhte.

Tha Loch Iùbh, Bagh Ghruinard, Loch Bhraoin agus Loch Bhraon bheag agus mu thimcheall na h-Eileanan Samhraidh uile nan àiteachan MPA a-nise.

Tuilleadh air an sgeulachd seo