"Chan eil adhbhar eagal a ghabhail mu uallaichean Oighreachd a' Chrùin"

  • 17 An Lùnasdal 2015

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, nach eil adhbhar eagal a ghabhail a thaobh dè na h-uallaichean a thig an cois a bhith a' gluasad smachd air grunnd na mara bho Oighreachd a' Chrùin, gu, aig a' cheann thall, ùghdarrasan ionadail.

'S e aon de na molaidhean a th' ann am Bile na h-Alba.

An t-seachdain seo chaidh, thàinig rabhadh bho eòlaichean lagha nach robh e soilleir cò leis a bhiodh an grunnd agus cò air a bhiodh uallach, mar eisimpleir, clàran-ola a thoirt air falbh, nam failicheadh e air companaidhean ola fhèin a dhèanamh.

Tha Mgr Dòmhnallach ag ràdh, ge-tà, nach buail sin air ùghdarrasan ionadail idir.

Bha e ag ràdh: "Chan eil mi a' faicinn gu bheil buaidh sam bith gu bhith aige air gach cuid na geallaidhean a fhuair sinne bho Riaghaltas Lunnainn agus Riaghaltas na h-Alba mu bhith a' gluasad an teachd-a-steach bho Oighreachd a' Chrùin ann an an Alba agus cuideachd a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean a thaobh dè na leasachaidhean a thèid air adhart agus an fheadhainn nach tèid air adhart le bhith a' gluasad sin gu ùghdarrasan ionadail."