Triùir fo leigheas airson meningitis

  • 14 An Lùnasdal 2015
Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Bha na scouts thall ann an Iapan aig cruinneachadh mòr na buidhne.

Tha triùir scout air a bhith a' faighinn leigheis airson meningitis às dèidh dhaibh tilleadh dhachaigh à Iapan.

Bha na scouts am measg bhuidhean à ceann a tuath na h-Alba a bha a' gabhail pàirt ann an Jamboree Eadar-nàiseanta nan Scout far an tàinig còrr air 30 000 ball den bhuidhinn còmhla.

Thìll iad dhachaigh Disathairne seo chaidh, ach bha cuid dhiubh nach robh a' faireachdainn gu math agus chaidh an toirt gu na h-ospadail as fhaisge orra, far an deach cùram a thoirt dhaibh airson an tinneas Meningococal.

Cùram

Bhon uairsin, tha aon dhe na deugairean a bha a' faighinn cùram aig Ospadal an Rathaig Mhòr air faighinn dhachaigh.

Tha dithis eile ann an ceann a' tuath na h-Alba fhathast anns an ospadal - aonan dhiubh, a tha eadar 14 agus 18 bliadhna de dh'aois, ga chumail air leth bho euslaintich eile, ach tha na h-ùghdarrasan slàinte ag ràdh gu bheil e a' tighinn am feabhas.

Chaidh antibiotics airson an dìon bhon tinneas a thoirt do dhaoine a bha faisg air an dithis.

Ùghdarrasan

Tha a' bhuidhean Scouts Scotland ag ràdh gu bheil iad air a bhith ag obair còmhla ris na h-ùghdarrasan slàinte gus dèanamh cinnteach gu bheil fiosrachadh agus taic gu leòr aig na daoine òga agus an cuid pàrantan.

Faodaidh meningitis a bhi air leth cunnartach.

Tha cuid a' call comasan claisneachd agus am fradharc, ach tha a chuid as motha de dhaoine a' faighinn thairis air gu math.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile