Dubhan ga thoirt à sgòrnan learga-dhuibh

  • 11 An Lùnasdal 2015
An learga-dhubh glacte Image copyright Peter T. Wilson.
Image caption Shluig an t-eun an dubhan air ceann na loidhne iasgaich, 's chaidh a ghlacadh.

Chaidh cobhair a dhèanamh air eun tearc an dèidh dha a bhith air a lorg le dubhan iasgaich na sgòrnan.

Chaidh fios a chur air Comann Albannach Dìon nan Ainmhidhean gun robh an learga-dhubh ann an duilgheadas air Loch an Doirb air Mòinteach Dhamh-Ath Diluain.

Thugadh an t-eun far an locha le eathar, agus rinneadh cobhair air aig Ionad Cobhair na Fiadh-Bheatha ann am Fishcross.

Thathas a' tuigsinn gun deach an loidhne iasgaich a ghlacadh air planntrais san uisge, agus gun robh an t-eun air a ghlacadh air an dubhan, gun chomas air falbh.

"Chaidh aig a' bheat againn air an dubhan a thoirt às, ach tha mòran maothrain mharbh am broinn an eòin, 's chan eil e seachad fhathast," thuirt Anndra Brown, a bh' air fear den fheadhainn a rinn cobhair air.

"Tha e a-nis air cùrsa de dh'antibiotics, agus tha sinn an dòchas gun dèan sin an gnothach.

"Ach chan eil an t-eun an-dràsta dìonach an aghaidh an uisge, ri linn 's gun deach na h-iteagan a thoirt air falbh mu amhaich. Feumaidh e fuireach againne gus am fàs iad sin air ais, ma thig e beò.

"Thàinig an t-uabhas cràidh air an eun seo, agus tha e na chùis ùabhais gun gabhadh seo seachnadh cho furasta.

"Chuireamaid impidh air duine sam bith a bhios ag iasgach mu Loch an Doirb a dhèanamh cinnteach gun toir iad a h-uile biod acainn aca leotha nuair a dh'fhalbhas iad."

Bu chòir do dhuine sam bith a lorgas beathach air a ghoirteachadh no ann an èiginn fios a chur air a' bhuidhinn air 03000 999 999.