Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Fear fo lannsa às dèidh aimhreit ann am Ferguson

Tha obair lannsa ga dheànamh air fireannach air an deach losgadh le na poilis ann am Ferguson, Missouri, anns na Stàitean Aonaichte, fhad 's a bha caismeachd a' dol a' comharrachadh bliadhna bho chaidh an deugaire dubh Mìcheal Brown a mharbhadh le oifgear poileas geal. Tha e air aithris gu bheil an duine air an deach losgadh ann an cunnart a bheatha.

Casaidean ann an cùis làraidhsgudail Ghlaschu?

Tha dùil ri soillearachadh bho Oifis a' Chrùin an-diugh air am b'urrain casaid eucoir sam bith a thogail an aghaidh an duine a bha a' draibheadh làraidh sgudail a mharbh grunn dhaoine ann an Glaschu san Dùbhlachd an uiridh. Ged a chaidh innse dha Harry Clarke roimhe nach biodh casaid air a thogail na aghaidh, tha teaghlach tè a bhàsaich san tubaist ag iarraidh gun atharraich sin. Tha eòlaichean lagha air innse dhan BhBC, ged tha, nach eil mòran a ghabhadh dèanamh airson co-dhùnadh Oifis a' Chrùin atharrachadh.

An Riaghaltas gu bhi "trom" mu luchd-obrach mhì-laghail

Thuirt Ministear ann an Oifis na Dùthcha gun dèilig an Riaghaltas gu trom ri companaidhean a bhios a' toirt obair do dhaoine aig nach eil cead a bhi ag obair ann am Breatainn. Thuirt James Brokenshire gum bi companaidhean togail, dachaighean cùram agus companaidhean glanaidh uile fon phrosbaig agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' feuchainn ris an àireamh dhaoine a thig gu Breatainn gun chead a lùghdachadh.

Càin ga chur air Network Rail

Chaidh càin dà mhillean not air Network Rail le riaghladair na rèile, mar thoradh air treànaichean a bh'air dheireadh neo a chaidh a chur dheth eadar dà mhìle 's a ceithir deug agus còig deug. Fhuair sgrùdadh gu robh cuid de sheirbhisean fo na h-ìrean a bhiomaid a' sùileachadh. Tha aig a' chompanaidh ris a' chàin a phàigheadh do roinn an ionmhais aig an Riaghaltas neo a chleachdadh airson piseach a thoirt air an t-seirbheis a thathas a' tabhan do luchd-cleachdaidh.

Còmhraidhean èiginneach mu phrìs a' bhainne

Bidh Aonadh nan Tuathannach ann an Alba am-measg ceithir aonaidhean tuathannach a bhios an-sàs ann an còmhraidhean èiginneach air prìs a' bhainne an-diugh. Tha seo a' tighinn agus iomairtean air a bhith ann an Alba agus air feadh na Rìoghachd Aonaichte le tuathanaich a' gearrain mun phrìs a thathas a' faighinn air a' bhainne aca. Tha cuid a' dèanamh call cho mòr ri deich sgillin airson gach liotar.

Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh na "chaitheamh airgid"

Se 'caitheamh-airgid' a th'ann am planaichean sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ann am Port Rìgh. Sin beachd fear a bha roimhe na chathraiche air comataidh Gàidhlig Chomhairle nan Eilean Siar. Thuirt Ruairidh Moireach, a tha a' fuireach san Eilean Sgitheanach, gun robh còir aig Comhairle na Gàidhealtachd coimhead ri na planaichean as ùr, agus sgoiltean eile san Eilean Sgitheanach feumach air obair càraidh.