Mì-thoileachas mu Ospadal Ghallaibh

  • 7 An Lùnasdal 2015
Ospadal Ghallaibh Image copyright NHS na Gàidhealtachd
Image caption Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag ullachadh modal seirbheis ùir a nì cinnteach gum faigh dotairean òga cothrom a bhith ag obair san ospadal.

Tha mì-thoileachas ann an Gallaibh mu mar a chaidh innse dha dotairean a bha còir a bhith a' trèanadh san ospadal ann an Inbhir Ùige nach b' urrainn dhaibh a dhol ann seach nach robh dotairean gu leòr ann aig àrd-ìre a b' urrainn stiùireadh a thoirt dhaibh.

Tha seo an dèidh dhan dhotair a bha còir a bhith gan stiùireadh a dhreuchd a leigeil seachad.

Tha na dotairean a tha a' trèanadh gan cur gu ospadalan eile.

"Tha sinn a' sùileachadh gum bu chòir dhuinne faighinn an aon sheòrsa de chuideachadh 's de thaic nuair a thèid sinne do dh'ospadal anns an sgìre againn fhìn 's a gheibh duine sam bith eile anns an sgìre acasan no anns a' bhaile mhòr," thuirt Cairstiona Stone, a tha a' fuireach an Gallaibh, 's a tha a' faicinn gu bheil seo na chomharra air mar a tha an sgìre gann de dhotairean.

Crìonadh

"Tha gu dearbha, airson am fear a bha os an cionn, tha esan air a dhreuchd a leigeil dheth, agus tha sin a' fàgail nach eil esan ann, agus seach nach eil esan ann chan eil na dotairean òga a tha sin a' dol a dh'fhaighinn cothrom aig an ospadal againne airson trèanadh, airson chan eil duine ann a bheir taic agus stiùireadh dhaibh.

"Tha sin gar fàgail gann.

"Bu chòir dhuinn a bhith a' faighinn an aon sheòrsa chothroman 's a tha daoine eile a' faighinn anns an dùthaich againn, agus chan eil sin a' tachairt.

"Tha sinn mar thà air faicinn nach eil sinn comasach air taic fhaighinn air an deireadh-sheachdain mar a tha cothroman aig daoine aig ospadalan eile, agus chan eil sin ceart, agus tha sinn mì-thoilichte mu dheidhinn sin," thuirt i.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' toirt sùil air an t-suidheachadh, agus gum biodh iad a' feuchainn ri modal seirbheis ùr ullachadh a dhèanadh cinnteach gum bitheadh cothroman ceart ann do dhotairean a bhith a' trèanadh ann an Ospadal Ghallaibh.

Chan eil a' Bh. Ph. Stone riaraichte le sin ge-tà.

"Leis an fhìrinn innse, tha sinne a' faicinn gach suidheachadh a' dol air ais, 's chan ann air adhart," thuirt i.

"Chan e leasachadh no cuideachadh a tha sinne a' faicinn, ach briseadh-dùil, agus tha an suidheachadh a' fàs nas miosa na tha e.

Cùis Eagail

"Tha sinne a' faicinn gu bheil sinn a' call na taic a bh' againn airson cuideachadh a bhith againn air làimh a thaobh duine sam bith a bhith tinn air an deireadh-sheachdain - dh'fhalbh sin.

"Agus a-nis tha sinn a' faicinn gu bheil dotairean òga a bha a' dol a dh'fhaighinn cothrom cuideachadh, agus a bhith air làimh nan deadh sinne dhan ospadal, nach bi sinn ann a-nis a bharrachd, agus gu bheil am fear a bha os an cionn air falbh cuideachd.

"Nise chan eil duine sam bith le eanchainn a' dol a ràdh gur e piseach a tha sin.

"Tha a h-uile càil a' crìonadh, agus tha sinne an seo anns an t-siorrachd a' faireachdainn nach eil an t-seirbheis ann air ar son.

"'S tha sinn beagan iomagainneach, airson nan tigeadh tubaist no càil èiginneach air duine, tha còrr air dà uair de thìde eadar sinne agus an Ràthaig Mhòr ann an Inbhir Nis.

"Tha sin na chùis eagail do mhòran anns an sgìre," thuirt i.