Iasgair air bàsachadh an Uisge Spè

  • 7 An Lùnasdal 2015

Bhàsaich fireannach, 68 bliadhna de dh'aois, às dèidh do dhaoine fios a leigeil gun robh e a dhìth às dèidh dha a bhith ag iasgach air Uisge Spè ann am Moireibh.

Bha na Poilis agus maoir-chladaich an sàs ann an iomairt theasairginn a' lorg an fhir ann an sgìre Chnoc Cheannachd, an dèidh dhaibh fios fhaighinn feasgar Diardaoin.

Chaidh lorg fhaighinn air agus thug heileacoptair mhaor-cladaich Steòrnabhaigh e gu ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, ach bhàsaich e an sin.

Cha deach an duine ainmeachadh fhathast.