A' Ghàidhealtachd "nas fheàrr don òigridh"

  • 6 An Lùnasdal 2015
Drochaid Cheasaig
Image caption Chan eil uiread de dhaoine òga a' fàgail na Gàidhealtachd 's a b' àbhaist, a rèir an rannsachaidh.

Sheall rannsachadh ùr gun deach stad a chur air mar a tha daoine òga air a bhith a' fàgail cheann a tuath na h-Alba.

Fad iomadh bliadhna bhiodh òigridh na sgìre a dèanamh air deas airson cothroman agus goireasan nas fheàrr fhaighinn.

Ach a rèir rannsachaidh a rinn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air beachdan is iarrtasan dhaoine òga an-diugh, tha còrr is dàrna leth na h-òigridh a chaidh a cheasnachadh ag ràdh gu bheil a' Ghàidhealtachd an-diugh nas fheàrr mar àite-còmhnaidh na bha i bho chionn còig bliadhna.

"Saoilidh mi gu bheil daoine òga nas dòchasaich mu na cothroman a tha rim faotainn an seo a-nis," thuirt Stiùiriche an Leasachaidh Roinneil aig HIE, Carroll Buxton.

"Tha mòran leasachaidhean air an dèanamh thar an leth-cheud bliadhna mu dheireadh.

"Tha cothroman ann a-nis airson daoine òga a dhol nan oileanaich an seo tro UHI agus oilthighean eile.

"Tha luchd-fastaidh mhòra eile air tighinn a-steach a tha a' tabhainn chothroman nach robh ann roimhe.

"Saoilidh mi gu bheil mar a tha bann-leathann ga sgaoileadh cuideachd a' tabhainn chothroman eile do dhaoine òga a bhith a' fuireach an seo agus ag obair an seo air feadh diofar ghnìomhachasan," thuirt i.