Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Lùnasdal 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seirbheisean Aiseig

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba am pàipear-tairgse airson seirbheisean aiseig a' chosta an iar air an làraich-lìn aig Transport Scotland. Thuirt Rùnaire na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh, gun robh am pàipear ga fhoillseachadh mar thoradh air gealladh gum biodh am pròiseas cho soilleir 's a ghabhas. Thuirt e gun robh an Riaghaltas an-dràsta a' cur panal neo-eisimeileach ri chèile a nì sgrùdadh air a' phàipear thagraidh, airson dèanamh cinnteach nach eil dad a' nochdadh ann a dhèanadh dìmeas air na companaidhean a bhios a' farpais airson na seirbheisean a ruith - Caledonian Mac a' Bhriuthainn agus Serco.

Maorach

Coinnichidh Riaghaltas na h-Alba ri marsantaich mhaoraich an-diugh a bhruidhinn air na duilgheadasan a th' aca ann a bhith a' cur stuth a-null dhan Roinn Eòrpa. Tha an staing ann an Calais a' ciallachadh gu bheil uimhir de dhàil ga chur air làraidhean 's gu bheil am maorach a tha iad a' giùlain a' dol a dholaidh mus fhaigh iad gu margaidh. Bidh a' choinneamh èiginneach a' coimhead air rudan mar slighean agus dòighean bathair eile a ghabhas an cleachdadh airson Calais a sheachnadh.

A' Ghrèig

Tha earrainnean ann am bancaichean mòra na Grèige air tuiteam suas ri 30% o dh'fhosgail margaidh earrainnean na dùthcha airson a' chiad uair ann an còig seachdainnean. Chaidh a' mhargaidh a dhùnadh goirid mus deach riaghailtean calpa a chur an sàs leis an Riaghaltas ann am Baile na h-Àithne nuair a bha staing fiachan na dùthcha aig àirde. Tha prìomh chlàr nan earrainnean cuideachd air tuiteam 22%.

Làraidh-sgudail

Bu chòir do Chomhairle Baile Ghlaschu beachdachadh air am bu chòir dhaibh a bhith ag iarraidh air daoine slàn-chunntas a thoirt seachad mun eachdraidh mheidigich aca nuair a tha iad a' cur a-steach airson dreuchdan aig a' Chomhairle. Nochd am moladh aig rannsachadh air tubaist na làraidh-sgudail anns a' bhaile anns an deach sianar a mharbhadh. Tha e air tighinn am bàrr gun robh dràibhear na làraidh, Harry Clarke, air innse dhan t-seann chompanaidh aige, First Bus, nach robh e a' fulang le tuainealaich agus laigsean nuair a chaidh e a dh'obair dhaibh ann an 2008.

Braisil

Thuirt Amnesty International gun do mharbh poilis armaichte ann am Braisil còrr is 1,500 duine thairis air na còig bliadhna a dh'fhalbh. Thuirt a' bhuidheann gu bheil fianais aca gun deach mòran de na daoine sin a mharbhadh gu mì-laghail, le oifigearan a' losgadh air feadhainn a bha mar thà air gèilleadh, no a bh' air an leòn.

Bancaireachd Uibhist

Cuiridh Comhairle Coimhearsnachd Loch nam Madadh litir a dh'ionnsaigh Banca na h-Alba, agus draghan a' nochdadh air an eilean mun t-seirbheis a tha am banca a' tabhainn. Tha daoine air a bhith a' gearain mu cho tric 's a tha am banca dùinte agus nach fhaigh iad air bruidhinn ri duine aghaidh ri aghaidh. Tha am banca an-dràsta fosgailgte dà là san t-seachdain.