Mundell sna h-Eileanan Siar

  • 30 An t-Iuchar 2015
Crann-gaoithe
Image caption Thèid sguir den t-subsadaidh a tha tuathan-gaoithe air tìr a' faighinn.

Thèid innse do Rùnaire Stàite na h-Alba, Dàibhidh Mundell, Diardaoin gu bheil an dòigh sa bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' toirt air falbh subsadaidh chumhachd ath-nuadhachail a' cur econamaidh nan Eilean Siar ann an cunnart.

'S e seo a' chiad tuuras aig Mgr Mundell dha na h-Eileanan Siar mar Rùnaire na Stàite, agus molaidh e barrachd chumhachdan a thoirt dha na h-Eileanan.

Tha Mgr Mundell ag ràdh gu bheil Riaghaltas na h-Alba air a bhith a' cruinneachadh cus chumhachdan an Dùn Èideann, agus gum bu chòir barrachd cothrom a thoirt dha na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan mu Thuath.

Fhuair na trì sgìrean eileanach air adhartas a dhèanamh le Riaghaltasan Dhùn Èideann agus Lunnainn leis an iomairt Ar n-Eileanan ri Teachd, le gealltanas gun deadh àite sònraichte a thoirt dha na h-Eileanan ann an laghan ùra sam bith, agus cothrom fhaighinn air cumhachdan stiùiridh a thaobh grunnd na mara a tha an-dràsta ann an làmhan Oighreachd a' Chrùin.

Tha na h-Eileanan cuideachd ag iarraidh a' mhàil a tha an Oighreachd a' faighinn bho ghrunnd na mara.

Ach bidh na h-Eileanan Siar ag iarraidh stiùiridh shoilleir a thaobh chumhachd ath-nuadhachail, leis gur e sin an dòchas as motha a th' ann airson cosnaidhean a chruthachadh.

Tha dragh ann gu bheil an dàil a thaobh càball gus na h-Eileanan a cheangal ri Tìr-Mòr - a tha riatanach airson dealan ath-nuadhachail às na h-Eileanan a chur air a' Ghriod Nàiseanta - agus a' mhì-chinnt a tha an Riaghaltas air adhbharachadh le bhith a' cur às do shubsadaidh, a' bagairt cur às do leasachadh econamaidh nan Eilean Siar mus tòisich e.