Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ceallan Aonar

Shoirbhich le dithis a tha sa phrìosan ann am Breatainn air casaidean ceannairc 's a bha gan cumail ann an ceallan mu seach bho chàich airson suas ri seachd mìosan ann ann an cùis-lagha sa Phrìomh Chùirt. Bha an dithis ag ràdh gun robh e mì-laghail an cumail mu seach le oifigearan prìosain airson còrr air trì là slàn gun chead bho mhinistearan.

Lachlann Simpson

Tha mòran dhaoine air cruinneachadh ann an Cataibh a chuideachadh le iomairt teasairginn airson fireannach òg à Eurabol a th' air a bhith a dhìth bho Dhisathairne. Chaidh Lachlann Simpson, 21, fhaicinn mu dheireadh Disathairne nuair a dh'fhàg e dannsa fèille ann an Dòrnach. Ba còrr air 150 de mhuinntir an àite a' cuideachadh nan ùghdarrasan an-dè.

Fracadh

Chaidh fhàgail air companaidh a th' airson gas a thoirt a-mach à luchdan guail fo Linne Fhoirthe gun do dh'fheuch iad ri brath a ghabhail air ministearan riaghaltais. Tha a' chasaid an aghaidh Cluff Natural Resources a' tighinn bho bhuidhnean àrainneachd às dèidh do litrichean eadar ceannard na companaidh agus an Riaghaltas thighinn am bàrr fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Nuair a chaidh moritorium a ghairm air ola is gas neo-àbhaisteach thug a' chompanaidh rabhadh gum faodadh sin planaichean leasachaidh luach £250m a chur ann an cunnart.

Ceannard an Taliban

Tha Riaghaltas Afganastan ag ràdh gun do bhàsaich ceannard an Taliban anns an dùthaich, Mullah Omar. Tha iad ag ràdh gun do chaochail e bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean. Cha tuirt a' bhuidheann fhèin càil mun naidheachd, ach dh'innis iad dhan BhBC gun tèid brath a sgaoileadh bhuapa an ceartuair. Chaidh aithris corra uair rona seo gun do bhàsaich Mullah Omar.

Gob a' Ghalainn Ùigich

Tha dùil ri fios an-diugh fhathast co-dhiù tha muinntir Àird Ùige ann an Leòdhas air bhòtadh a dhol air adhart le iomairt seann ionad an MoD aig Gob a' Ghallainn a cheannach dhan choimhearsnachd. Tha plana ann ionad speuradaireachd a dhèanamh ann agus àite far an urrainnear èisteachd ri mucan-mara. Bhiodh na h-uimhir de dh'obair ri dhèanamh an toiseach ge-tà, gus an làrach a sgioblachadh agus a ghlanadh.

Sgìrean Glèidhte Mara

Tha Riaghaltas na h-Alba air a dhol às àicheadh gu bheil am fiosrachadh air a bheileas a' stèidheachadh cho-dhùnaidhean mu sgìrean glèidhte aig muir gu tur ceàrr. Tha iasgarirean anns na h-Eileanan Siar ag ràdh nach eil bun-stèidh nan sgìrean glèidhte ceart. Ach ann am brath sgrìobhte an-diugh thuirt labhraiche bhon Riaghaltas gum feumte cothromachadh a dhèanamh eadar feumalachdan an iasgair agus an àrainneachd. Thug iad cuireadh do Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, agus Comhairle nan Eilean Siar am beachdan a chur an cèill agus iad a' leudachadh ùine a' cho-chomhairleachaidh air a' chùis.