Rabhadh bho thuathanaich mun droch shamhradh

  • 28 An t-Iuchar 2015
Talamh fliuch
Image caption Tha an talamh gu math nas fliuche na 's àbhaist, agus tha ceist mu choinneimh fodair a' Gheamhraidh.

Thug ceann-suidhe Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach an Alba, Ailean Bowie, rabhadh seachad gum faodadh buaidh droch shamhradh na bliadhna seo leantainn tro mhìosan a' gheamhraidh co-dhiù.

Tha Oifis na Sìde an dùil gur e seo an t-Iuchar as fluiche bho thòisich an leithid ga chlàradh, agus gu bheil dùil ri tuilleadh uisge mòr tron Lùnastal cuideachd.

Tha an t-uisge trom air fàgail gu bheil tòrr den talamh fhathast ro fhliuch airson bheathaichean, agus tòrr fhathast air an cumail a-staigh.

Thuirt Mgr Bowie, gun robh ceist mhòr ann air dè cho math 's a bhitheadh toradh na bliadhna seo às dèidh samhraidh cho truagh agus e a' toirt seachad rabhadh gum faodadh tuathanaich a bhith a' faireachdainn droch bhuaidh an t-samhraidh gu tràth an ath-bhliadhna.

Fàgaidh an droch aimsir gum bi e doirbh do thuathanaich feur fhaighinn dha an cuid bheathaichean a chumas thar a' gheamhraidh iad, 's gum bi prìs mhòr air feur a cheannach a-steach.

Thuirt e cuideachd ge-tà, gun robh iad a' sireadh mholaidhean airson taic a thoirt seachad agus airson dòighean gus piseach a thoirt air an t-suidheachadh.