"Fiosrachadh ceàrr" air cùl sgìrean glèidhte mara

  • 28 An t-Iuchar 2015
Bàtaichean-iasgaich
Image caption Tha iasgairean nan Eilean Siar draghail gun cuir na sgìrean glèidhte às don bhith-beò aca.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Ministear nan Eilean, Derek MacAoidh, agus Ministear na h-Àrainneachd, an t-Oll. Aileen NicLeòid, a thighinn dha na h-Eileanan a bheachdachadh air an fhiosrachadh air a bheil Riaghaltas na h-Alba a' stèidheachadh na h-argamaid airson sgìrean glèidhte aig muir.

Tha iasgairean nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil am fiosrachadh gu tur ceàrr, agus tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil fiosrachadh a chuir na h-iasgairean thuca ceàrr.

"'S e là truagh a bhiodh ann a-nis, tha sinn beò ann an deamocrasaidh, mura biodh an Riaghaltas ag èisteachd ri gearain - gearain gu math reusanta - a th' aig na h-iasgairean," thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireanaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair Macleòid.

"Agus tha sinne ag iarraidh a bhith taiceil dha na h-iasgairean.

An Roinn Eòrpa

"Tha sinne a' faicinn, ma thèid na rudan a tha seo air adhart, a' bhuaidh a tha e a' toirt iar coimhearsnachdan iasgaich agus air na coimhearsnachdan anns an fharsainneachd tro na h-Eileanan. Chan ann a-mhàin ann an seo fhèin ach shìos an Uibhist, agus shìos am Barraigh.

"'S tha sinn a' cluinntinn cuideachd bho bhuidhnean eile a tha a' riochdachadh iasgairean mar an SFF, a th' air tighinn a-mach gu làidir an aghaidh an rud a tha an Riaghaltas a' feuchainn ri dhèanamh," thuirt e.

"Mar a h-uile suidheachadh mar seo, nuair a bhios connspaid ann, feumaidh sinn daoine fhaighinn timcheall a' bhùird, agus sealltainn dhaibh gu bheil iad ceàrr.

"Tha fios agamsa, Donnchadh MacAonghais agus an fheadhainn a tha ag obair anns a' ghnìomhachas, gu bheil iad air a bhith ag iasgach bho chionn bhliadhnaichean mòra, 's gu bheil a' cumail dàta. Tha sin aca, agus tha fada a bharrachd eòlais acasan air an t-suidheachadh bho thaobh an iasgaich na th' aig daoine nan suidhe ann an oifisean ann an Dùn Èideann.

"Chan eil mi ag ràdh nach eil fiosrachadh acasan, ach am fiosrachadh a th' aig na h-iasgairean, chuirinnsa fada a bharrachd earbsa ann an sin na an rud a tha daoine a' dèanamh air coimpiutairean.

"An rud a tha sinne a' dol a dhèanamh, tha sinn a' dol a ghnocadh air a h-uile doras, gum faigh sinn daoine a dh'èisteas rinn. Daoine le cumhachd. Agus gun atharraich sinn na rudan a tha a' dol a thachairt.

"Mura seas sinn còmhla, sinn fhìn 's na h-iasgairean, agus na buidhnean a tha a' dèanamh am bith-beò às a bhith ag obair aig muir," thuirt e.

Tha Mgr MacLeòid den bheachd nach biodh an t-Aonadh Eòrpach airson nan sgìrean glèidhte nam faiceadh iad a' bhuaidh a bheir iad air coimhearsnachdan, a dh'aindeoin argamaid an Riaghaltais gur ann bhon AE a thig na sgìrean glèidhte.

"Tha fhios agam gu bheil an Roinn Eòrpa taiceil dha coimhearsnachdan beaga," thuirt e.

"Nuair a smaoinicheas mise, a' dol air ais bhliadhnaichean, an taic-airgid a fhuair sinn bhon Roinn Eòrpa airson bun-structar a chur anns na h-Eileanan.

"Tha fhios agam gu bheil e duilich uaireannan faighinn a-mach dè tha a' tachairt anns an Roinn Eòrpa, ach tha sinne mar choimhearsnachd, thairis air na bliadhnaichean, air an t-uabhas de thaic fhaighinn on Roinn Eòrpa.

"Tha mi a' smaoineachdainn gur e seo an rud mu dheireadh a bhiodh iadsan ag iarraidh, toirt a-steach riaghailtean a tha a' dol a chur às dha coimhearsnachdan air feadh nan Eileanan," thuirt e.

Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba: "mura dìonar na sgìrean seo, san ùine fhada, bhiodh cron maireannach air a dhèanamh air àrainnean agus an stoc èisg a tha a' crochadh orra - sin am fìor-chunnart do choimhearsnachdan mu na costaichean againn.

"Gu follaiseach, feumar dìon àrainneachd na mara agus feumalachdan nan coimhearsnachdan a tha a' crochadh air a chothromachadh - agus 's e sin as coireach gun do leudaich sinn an ùine anns ma faodar beachdan a chur thugainn. Chuir iomadh buidheann, iasgairean clèibhe nam measg, fàilte air na molaidhean againn.

"Tha sinn a' cur fàilte air beachdan sam bith bho dhaoine no buidhnean aig a bheil ùidh sa chùis. Thuige seo cha d' fhuair sinn beachdan sam bith bho Chomhairle nan Eilean Siar, no Comann Iasgairean nan Eilean Siar, agus dh'iarramaid orra an cuid bheachdan a chur thugainn."