Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Tha Rùnaire na h-Alba air soilleireachadh iarraidh bhon SNP air seasamh a' phàrtaidh a thaobh referendum ùr air neo-eisimeileachd. Tha Dàibhidh Mundell air a ràdh nach eil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ullachadh idir airson dàrna referendum air a' chùis. Thuirt seann Cheannard an SNP, Ailig Salmond, an-dè, gu bheil dàrna referendum do-sheachainte. Tha Nicola Sturgeon air a ràdh gum bi e an urra ri muinntir na h-Alba co-dhiù thèid referendum eile a chumail.

Conley MacThòmais

Chaidh corp leanaibh a lorg le poilis a bha a' sireadh balaich òig a bha a dhìth ann an Yorkshire a Deas. Chunnacas Conley MacThòmais mu dheireadh an-raoir 's e an am pàirce chluiche còmhla ri caraidean. Thuirt na Poilis nach deach an corp aithneachadh gu foirmeil fhathast, ach gu bheil iad a' smaoineachadh gur e corp Chonley a th' ann. Fhuaireadh an corp air làrach-togail ann am Barnsley.

Seirbheisean-Adhair

Chaidh cùmhnant PSO air seirbheisean-adhair eadar Glaschu, Barraigh, Tiriodh is Ceann Loch Chille Chiarain a thoirt do Loganair. Chaidh an naidheachd fhoillseachadh le Ministear na Còmhdhail 's nan Eilean, Derek MacAoidh. Fon chùmhnant ùr, a thig a-steach san Damhair, bidh dà sheirbheis air ais 's air adhart gach là eadar Glaschu 's Barraigh, agus Glaschu 's Tiriodh eadar Diluain agus Disathairne.

Giùlain Maoraich

Thuirt Ministear an Iasgaich, Ridseard Lochhead, gu bheil companaidhean maoraich agus companaidhean giùlain èisg feumach air taic bho Riaghaltas Westminster, 's tuathanaich a tha a' togail fianais anns an Fhraing a' cur maill orra. Tha Ball Mhoireibh ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil cuid a' call luach mhòir de dh'èisg ri linn nam fianaisichean. Chaidh ionnsaighean a thoirt air làraidhean na companaidh J&D Cowper, à Baile Eoghain an t-seachdain seo chaidh, agus iad a' dèanamha ri Lorient anns a' Bhreatainn Bhig.

Làraidh-sgudail

Thuirt dràibhear làraidh-sgudail a mharbh sianar ann an Glaschu ron Nollaig ri nurs aig làrach na tubaiste nach robh cuimhne aige air càil a thachair eadar a bhith a' feitheamh aig solais-thrafaig agus dùsgadh anns an làraidh às dèidh na tubaiste. Dh'innis Lauren Mykoliw, nach robh ag obair aig an àm, dhan rannsachadh ann an Glaschu, gun do bhruidhinn i ri Harry Clarke 's e fhathast air cùl na cuibhle.

Na Kurdaich

Tha luchd-sabaid Kurdach ann an ceann a tuath Shiria a th' air a bhith a' sabaid na Stàite Ioslamaich a' fàgail air an Tuirc gu bheil iad a' sìor-thoirt ionnsaighean orra faisg air a' chrìch eadar an dà dhùthaich. Tha an Tuirc ag ràdh gu bheil iad a' rannsachadh nan aithrisean, ach nach eil iad ag amas air Kurdaich ann an Siria, ach IS ann an Siria agus reubaltaich Khurdach (am PKK) ann an Iorac.