Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

IS

Tha an Tuirc air ionnsaigh adhair a thoirt air targaidean IS ann an Siria airson a' chiad uair. Bho chionn ghoirid tha sabaid air a' chrìch eadar an dà dhùthaich air a bhith a' neartachadh. Tha poilis na Tuirc cuideachd air sreath de rèidean a chumail aig làraich a tha iad dhen bheachd a tha gan cleachdadh le raidigich. Aig a' cheart àm thug an Tuirc cead dha na Stàitean Aonaichte itealain-chogaidh a stèidheachadh aig làrach feachd an adhair ann an earra-dheas na dùthcha.

Louisiana

Tha na poilis ann an Louisiana a' sgrùdadh ionnsaigh le gunna aig taigh-dhealbh. Chaidh dithis a mharbhadh agus chaidh co-dhiù seachdnar eile a ghoirteachadh ann an Lafayette. Thuirt na poilis gu bheil iad a' feuchainn ri faighinn a-mach cò bh' anns a' ghunnair. Chuir e às dha fhèin às dèidh nam muirt.

Obama

Thuirt Sràid Dhowning gu bheil e ceart gum faigh sluagh Bhreatainn cothrom beachd a thoirt seachad air an àite a th' aig an dùthaich anns an Aonadh Eòrpach - sin às dèidh dhan cheann-suidhe Obama a dhol an sàs anns an deasbad. Ann an agallamh leis a' BhBC thuirt e gum feum Breatainn ballrachd a chumail ma tha buaidh gu bhith aig an dùthaich air cùisean mòr an t-saoghail. Tha dùil gun tèid referendum a chumail air ballrachd Bhreatainn ro dheireadh na h-ath bhliadhna.

Corp

Dhearbh Poilis na h-Alba gun deach corp a lorg an-dè faisg air Loch Obha ann an Earra Ghàidheal. Tha sgrùdadh air a bhith a' leantainn bho Dhiciadainn airson Ailean Jones - a chaidh a' muigh a choiseachd faisg air dam a' Chruachain ach nach do thill air ais. Tha sgiobaidhean teasairginn air a bhith a' muigh a' coimhead air a shon.

Tubaist

Tha Buidhean Sgrùdaidh nan Tubaistean Mara a' rannsachadh mar a bhuail dà bhàt'-iasgaidh anns a' Chuan Sgith an t-seachdain-sa. Tha e air thuigse gun do bhuail an Conest agus an Callina Two na chèile chun ear air Steòrnabhagh tràth madainn Dhiciadainn. Chaidh an Contest a tholladh anns an tubaist ach fhuair iad air ais gu caladh. Tha inspeactairean nam maor-cladaich cuideachd an sàs anns an sgrùdadh.

Gabhsann

Tha dà chrann-gaoithe ùr a-nis air Oighreachd Ghabhsainn ann an Leòdhas. Bha an t-urras coimhearsnachd air sgeama a ruith airson earrannan a reic - 's iad ag amas air na goireasan cumhachd ath-nuadhachail aca a leudachadh. Tha dòchas ann a-nis gum bi iad air chomas pròiseactan coimhearsnachd a mhaoineachadh le airgead bhon a' sgeama an ceann bliadhna.