An A9 fosgailte a-rithist

  • 23 An t-Iuchar 2015
Luchd-smàlaidh Image copyright Scottish Fire and Rescue Service

Dh'fhosgail an A9 a-rithist às dèidh tubaist rathaid mu dhà mhìle deas air Ceann a' Ghiùthsaich.

Bha na h-oifigearan air an rathad a dhùnadh aig an Ràth Liath an dèidh do charbad 4X4 agus làraidh bualadh na chèile mu 1015 Diardaoin.

Thàinig air luchd-smàlaidh uidheamachd gearraidh a chleachdadh son dràibhear a' charbaid a shaoradh.

Rinnear cobhair mheidigeach aig làrach na tubaist air boireannach a bha a' siubhail sa charbad.

Thathas a' tuigsinn nach deach duine a ghoirteachadh gu dona.