Èisteachd mu bhàs dhràibhear minibus

  • 21 An t-Iuchar 2015

Chaidh fireannach às àicheadh anns an Àrd-chùirt ann an Glaschu gun do mharbh e dràibhear minibus nuair a bhuail an càr aige agus am minibus na chèile air an A83 ann an Earra-Ghàidheal bho chionn faisg air dà bhliadhna.

Thathas a' fàgail air Stefan Hansen, aois 23, gun do dh'adhbhraich e bàs Anndra Rennie, 62 bliadhna a dh'aois, le bhith a' dràibheadh gu cunnartach.

Thachair an tubaist faisg air an Tairbeart air an 17mh dhen Dàmhair 2013.

Bhàsaich Mgr Rennie, a bhuineadh dha Ceann Loch Chille Chiarain, às dèidh na tubaist agus chaidh deichnear a bh' air bòrd a' mhinibus a ghoirteachadh.

Aig èisteachd ghoirid san Àrd-Chùirt ann an Glaschu Dimàirt, dh'innis fear-lagh Stefan Hansen, Eòghainn Dow, gun robh Mgr Hansen a' dol às àicheadh gun do dh'adhbhraich e bàs le bhith a' dràibheadh ann an dòigh chunnartach.

Tha dùil gun tòisich a' chùis-lagha san Àrd-chùirt ann an Glaschu anns a' Bhliadhna Ùir.