Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Radaigeachd

Bheir Dàibhidh Camsron òraid seachad an-diugh air radaigeachd Muslamach ann am Breatainn. Mìnichidh e a phlanaichean airson dèiligeadh ri mar a tha na ceudan às a' Rìoghachd Aonaichte air a dhol an sàs anns a' bhuidhinn Stàit Ioslamach ann an Iorac agus Siria. Tha tòrr ag ràdh gur e seo an òraid as cudromaiche a bheir am Prìomhaire seachad air a' chuspair bho thòisich e na dhreuchd.

Ceannas nan Làbarach

Tha bhòtadh air tòiseachadh airson ceannard ùr a thaghadh dhan a' phàrtaidh Làbarach an Alba. 'S ann eadar Kezia Dugdale agus Ken Mac an Tòisich a tha am bhòt -- agus thèid innse air a chòigeamh là deug den ath-mhìos cò a th' air soirbheachadh. B' fheudar an taghadh a chumail às dèidh dhan t-seann cheannard Jim Murphy a dhreuchd fhàgail às dèidh dhan phàrtaidh droinneadh uamhasach fhulaing anns an taghadh choitcheann anns a' Cheitean.

Tubaist

Tha an M8 an dràsda dùinte gach taobh ann am Baile Dhun Lèibhe às dèidh tubaist eadar bhan, càr agus làraidh. Tha e air a thuigse gun deach am bhan na teine anns an tubaist - a thachair goirid ro naoi uairean. Chan eil fhios fhathast an deach duine a ghoirteachadh.

Ceist an referendum

Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin nach bi a' cheist anns a' referendum air Breatainn anns an Aonadh Eòrpach anns a' Ghàidhlig idir. Sgrìobh Ceann-suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich, Iain MacLeòid, gu Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell. Thuirt Oifis nan Dùthchannan Cèin nach eil Achd na Gàidhlig riatanach an seo, seach nach ann air Alba a-mhàin a bhios a cheist a' bualadh. Thuirt iad cuideachd nach biodh e ceart a' cheist fhoillseachadh ann an aon mhion-chànan a-mhàin.

Am Pàipear Beag

Tha fear dhe na sgrìobhadairean a dh' fhàg Pàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, an t-Àrd Oll. Dòmhnall MacLeòid, air slaic a thoirt air mar a thathar a' riaghladh a' phàipeir-naidheachd. Dh'fhàg an t-Urr. MacLeòid am pàipear às dèidh buaireadh a thaobh colbh a sgrìobh e. Chaidh Brian MacUilleim a chuir às a dhreuchd às dèidh sin. Thuirt an uair sin Magaidh Choineagan nach sgrìobhadh ise dhaibh air sgàth na thachair. Air a' bhlog aige fhèin, thuirt an t-Oll. Urr. MacLeòid gu robh dol-a-mach a' phàipeir "suarach".

Taighean-spadaidh

Agus bidh taighean-spadaidh anns na h-Eileanan a' faighinn buannachd bho phròiseact ùr a tha am Prionnsa Teàrlach agus Riaghaltas na h-Alba air a chuir air chois. Bidh gnìomhachasan ann an Leòdhas, Uibhist a Tuath, Barraigh, Muile agus Ìle a-measg na gheibh taic bho phròiseact nan taighean spadaidh eileanach. Tha an sgeama ag amas air obraichean, gnìomhachasan agus obair fearainn a dhìon.