Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Sealg Shionnach

Tha an SNP ag ràdh gum bithidh iad a' bhòtadh air plana an Riaghaltais airson atharrachadh san lagh mu shealg shionnach ann an Sasainn agus sa Chuimrigh, a dh'aindeoin agus gun robh, gun ruige seo, an SNP a' seachnadh bhòt ann an Westminster air cùisean nach buin do dh'Alba. Tha an SNP ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh seo mar ghearain, tha iad ag ràdh, air cho fada nam barail fhèin 's a tha an Riaghaltas ann an Lunnainn, le a bhith a' feuchainn ri bhòtaichean Sasannach airson laghan Sasannach a stèidheachadh.

An Atmhorachd

Thuit an atmhorachd air ais gu 0% anns an Ògmhìos. Thàinig clàr an CPI a-nuas bho 0.1% anns a' Chèitean, agus tha e coltach gur e biadh agus aodach nas saoire as motha a thug buaidh air sin.

Ioran

Thuirt Àrd-Stiùiriche buidheann faire an UN air cumhachd niuclasach gu bheil aonta ùr ann mu smachd air prògram niuclasach Ioran. Fon aonta thèid smachd-bhannan air Ioran a thogail mu choinneimh tuilleadh sgrùdaidh eadar-nàiseanta air ionadan niuclasach ann an Ioran.

A' Ghrèig

Iarraidh Prìomhaire na Grèige, Alexis Tsipras, air pàrlamaid na dùthcha gabhail ris an aonta dhan tàinig iad ri ceannardan na h-Eòrpa. Mu choinneimh tuilleadh taic-airgid, feumaidh a' Ghrèig, am measg rudan eile, peinnseanan a ghearradh agus cìsean a chur suas.

Béal Feirste

Chaidh 24 duine de dh'oifigearan poilis a ghoirteachadh ann an àimhreit ann an ceann a tuath Bhéal Feirste an-raoir. Thòisich an àimhreit nuair a chuir na Poilis stad air caismeachd Dhìlseach ann an sgìre Nàiseantach.

Pàigheadh nam Ban

Thuirt Dàibhidh Camshron gun tig air companaidhean mòra pàigheadh nas fheàrr a thoirt do bhoireannaich le bhith a' toirt orra innse dè seòrsa beàrn a tha eadar an tuarastal a tha iad a' toirt do dh'fhir agus boireannaich an-dràsta. Tha co-chomhairleachadh a' tòiseachadh a bheir buaidh air a h-uile companaidh aig a bheil còrr is 250 de luchd-obrach.

Bòrd na Gàidhlig

Gheall Ceannard eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig gun tèid làn-sgrùdadh a dhèanamh air dòighean-obrach a' Bhùird agus air buidhnean Gàidhlig eile. Thuirt Joe Moore, aig nach eil a' Ghàidhlig e fhèin, gum feum ceannardan agus luchd-obrach a' Bhùird tighinn còmhla airson amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig a choileanadh. Dh'fhàg Iain Caimbeul a dhreuchd mar Cheannard bho chionn cola-deug an dèidh dìreach trì mìosan anns an obair, agus aithrisean ann air eas-aonta anns a' bhuidhinn.