"Mearachdan" aig a' Phàipear Bheag

  • 13 An t-Iuchar 2015
Am Pàipear Beag
Image caption Chuir am pàipear crìoch air cùmhnant dithis a th' air a bhith a' sgrìobh cholbh dhaibh o chionn iomadh bliadhna.

An dèidh mar a chaill dithis sgrìobhaichean ainmeil an colbhan sa Phàipear Bheag, tha am pàipear a-niste air brath a sgaoileadh air Twitter, a' tabhainn leisgeul air an luchd-leughaidh airson "mearachdan" a rinn iad.

Thàinig e am bàrr an t-seachdain seo chaidh gun do chaill an t-Àrd-Oll. Dòmhnall MacLeòid an colbh beachd a th' air a bhith aige fad iomadh bliadhna sa Phàipear Bheag, ri linn na sgrìobh e mu dhragh a bh' air mu buaidh Ioslam, agus àireamhan mòra de Mhuslamaich a' tighinn chun na Roinn Eòrpa à Afraga.

Chaidh a leabhar an uair sin a thoirt do sheann deasaiche a' Phàipeir - fear de na chuir air bhonn e an toiseach - Brian MacUilleim, airson dìon a chur air an Àrd-Oll. MacLeòid.

Dh'adhbharaich na co-dhùnaidhean sin connspaid.

Dà-shealladh

Diluain, dh'fhoillsich Àrd-Stiùiriche a' phàipeir, Paul Wood, brath air Twitter, ag innse gun robh am pàipear "airidh" air cuid den chàineadh a fhuair e.

Thuirt e gun robh am pàipear air mearachdan a dhèanamh, agus thabhainn e leisgeul air an luchd-leughaidh.

Thuirt e gur e cùis truaighe a bhiodh ann nan dèanadh na mearachdan sin cron, na fhacail fhèin, "air a' mhaith a tha am pàipear air a dhèanamh".

"Thàinig meall càinidh thairis air a' Phàipear Bheag an t-seachdain seo chaidh, gu leòr dheth air a thoill againn," thuirt e.

"Bha am Pàipear Beag riamh ao-coltach ri pàipear sam bith eile, gu h-àraid a-niste agus e air an aon phàipear san Rìoghachd Aonaichte a tha an sealbh a' chuid luchd-obrach.

"Chan eil leabhar-làimhe ann air mar a ruithear pàipear-naidheachd; gu h-àraid chan eil ro-eisimpleir ann de mar a bu chòir pàipear ann an sealbh an luchd-obrach a ruith.

"Rinn sinn mearachdan, agus nan gabhadh a h-uile gnothachas is pàipear-naidheachd ruith tron dà-shealladh, cha bhiodh dad againn ri ionnsachadh.

"Chan urrainn dhuinn ach leisgeul a thabhainn air an luchd-leughaidh againn, air ar coimhearsnachd, agus air ar caraidean.

"Ma 's e toradh nam mearachdan a rinn sinn, gun tig cron air a' mhaith a tha am Pàipear Beag air a dhèanamh, bu thruagh e sin.

"Innsidh an deasaiche againn barrachd ann am pàipear na seachdain seo."

Tuilleadh air an sgeulachd seo