Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Tha ceannardan Sòn an Euro air aonta a ruighinn airson prògram taice ùir dhan Ghrèig, an dèidh chòmhraidhean a mhair 17 uairean anns a' Bhruiseal. Fon aonta ùr dh'fhaodadh gum faigh a' Ghrèig €86bn anns an ath-thrì bliadhna. Thuirt Ceann-Suidhe Chomhairle na Roinn Eòrpa, Dòmhnall Tusk, gum bi ministearan ionmhais a' bruidhinn anns an aithghearrachd a thaobh mar as fheàrr a ghabhas an dùthaich a chuideachadh cho luath 's a ghabhas. Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, gun deach riaghailtean teann a chur an sàs mar phàirt den aonta.

Poilis na h-Alba

Chaidh sgrùdadh iarraidh sa bhad air mar a tha Poilis na h-Alba a' dèiligeadh ri gairmean fòn a' phobaill, an dèidh mar a bhàsaich boireannach a bha a' laighe 's i air a droch ghoirteachadh, ann an càr fad trì là, a dh'aindeoin gun robh fios aig na Poilis gun robh tubaist air a bhith ann. Fhuaireas lorg air Lamara Bell, a bha 25, le a leannan ri taobh, marbh. Thuirt Calum Steele, bho Chaidreachas nam Poileas, gu bheilear a' dèiligeadh ri droch shuidheachadh dha-rìribh, agus gur e gearraidhean anns an t-seirbheis a bu choireach gu ìre mhòir.

Harriet Harman

Tha càineadh ga dhèanamh air Ceannard eadar-amail nan Làbarach, Harriet Harman, le cuid de bhuill a' phàrtaidh ri linn mar a chuir i taic ri gearraidhean ann an sochairean sòisealta. Tha triùir a-mach à ceathrar a tha a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh air slaic a thoirt oirre mun chùis. Thuirt cuid de dh'àrd-bhuill nach robh an caibineat dùbhlannach air an cùl-taic a chur ri beachd nach cuireadh iad an aghaidh gearradh ann an creideasan-cìse do phàrantan aig a bheil triùir chloinne no barrachd.

Bòrd na Gàidhlig

Tha an tuilleadh cheistean air tighinn am bàrr mu Bhòrd na Gàidhlig, an dèidh dhaibh aideachadh nach eil fiosrachadh aca mu àireamhan thidsearan Gàidhlig, no cia mheud a tha a dhìth. Tha sin a dh'aindeoin 's gu bheil plana nàiseanta a' chànain aig a' Bhòrd fhèin ag ràdh gu bheil fastadh thidsearan Gàidhlig na phrìomh dhleastanas air a' Bhòrd. Thàinig am freagairt ann am fiosrachadh a thug iad seachad fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh.

Paras

Thuirt na Poilis ann am Paras gu bheil mu dheichnear am bruid aig luchd-gunna aig bùth aodaich anns a' bhaile. Thuirt iad gu bheil e coltach gur e mèirle le gunna a tha sa chùis.

Billy agus Lisa Ghreumach

Bidh an tiodhlacadh aig Billy agus Lisa Ghreumach, a chaill am beatha an lùib ionnsaigh cheannairc ann an Tunisia air a' mhìos a chaidh, ann feasgar. Bha an cupal a bhuineadh do Bhankfoot ann an Siorrachd Pheairt, air làithean-saora san dùthaich 's iad a' comharrachadh gun robh a' Bh.Ph. Ghreumach 50 bliadhna de dh'aois. Chaidh dithis Albannach eile, Jim agus Ann McQuire, a bha air an glacadh anns an sgrios, a thiodhlacadh Dihaoine.

Cunnart Itealan

Dh'aidich Ministearalachd an Dìon gun robh fìor chunnart ann bho thubaistean eadar itealain tornado agus itealain eile ann an sia cùisean fa leth ann an Alba anns a' chòig bliadhna a chaidh seachad. Bha cùis faisg air Port-Adhair Inbhir Nis nam measg. Chaidh na figearan ùra fhoillseachadh an dèidh do dh'fhear-labhairt dìon an SNP, Dùghlas Chapman, ceist a thogail mun chùis. Tha Ball-Pàrlamaid Mhoireibh, Aonghas Robasdan, ag iarraidh gum bi siostaman rabhaidh anns na h-itealain aig RAF Chinn Lois an dèidh mar a chaill triùir chriutha am beatha ann an tubaist-adhair os cionn Linne Mhoireibh ann an 2012.