Dà cholbh a' falbh on Phàipear Bheag

  • 10 An t-Iuchar 2015
Brian MacUilleim
Image caption B' e Mgr MacUilleim, a chuir dìon air an Àrd-Oll. MacLeòid, a' chiad Dheasaiche a bh' air a' Phàipear Bheag.

Tha dithis, a tha gu math aithnichte 'son colbh bheachd anns a' Phàipear Bheag, An t-Àrd-Oll. Dòmhnall MacLeòid agus Brian MacUilleim, nach bidh a' sgriobhadh dhan phàipear tuilleadh.

Chaidh innse do Bhrian MacUilleim, fear de na stèidhich am Pàipear Beag an toiseach, nach eileas ag iarraidh colbh bhuaitheasan tuilleadh, an dèidh dha sgrìobhadh a' dìon an Oll. MhicLeòid.

Tha sin an dèidh dhan Oll. MacLeòid colbh a sgrìobhadh a nochd anns a' phàipear air an 22na là den Chèitean mu shuidheachadh luchd-imrich à Ceann Tuath Africa a tha a' siubhail dhan Roinn Eòrpa.

Anns a' cholbh sin, sgrìobh e mu na cunnartan, na bheachd fhèin, a tha an lùib àireimh mhòir de Mhuslamaich a bhith a' tighinn chun an Roinn Eòrpa.

"Suarach"

Thog e draghan a thaobh saorsa agus deamocrasaidh, agus thuirt e gum faod "Crìosdaidheachd ar sàbhaladh bho Ioslam" is gum feum daoine an t-soisgeul a chur an cèill air feadh Alba.

Chan eil colbh bhuaithe air nochdadh sa phàipear bhon uair sin.

Thathas a' tuigsinn gun tàinig cuideam air bho sgioba stiùiridh a' phàipeir, agus gun robh an t-Àrd-Oll. MacLeòid a' faireachdainn air a chuingealachadh le sin.

Air an 3mh là den Iuchar, dh'fhoillsich am pàipear colbh le Brian MacUilleim, a bha a' cur dìon air an Àrd-Oll. MacLeòid, ag ràdh nach eil pàipear eile ann am Breatainn a bhiodh deònach dèiligeadh ri cuspairean cruaidh mar a tha am Pàipear Beag.

Thuirt e cuideachd, ged a tha mòran nach aontaich leis na bhiodh an t-Àrd-Oll. MacLeòid a' sgrìobhadh, gun robh e a' toirt air daoine smaointinn mu chuspairean mòra.

Tha cuideachd tè a th' air a bhith a' sgrìobhadh cuilbh dhan Phàipear Bheag, Maggie Choinneagan, air innse gu bheil i a' cur a cùl ris a' phàipear ri linn na dòigh "suarach" san deach dèiligeadh ris an dithis eile.

Sgaoil am Pàipear Beag brath-naidheachd a' dearbhadh nach bi Brian MacUilleim, no an t-Àrd-Oll. MacLeòid a' sgrìobhadh dhan phàipear tuilleadh.

Thug iad taing dhan dithis airson na rinn iad dhan phàipear thar iomadach bliadhna, ag ràdh gun robh iad air cliù a chosnadh mar "sgrìobhadairean foghlaimichte, làidir nam beachdan agus air an robh meas".

Thuirt iad cuideachd gum bi cuid ag ionndrainn an sgrìobhaidh aca.