Bun-Sgoil Taigh a' Chladaich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Ceistean mu fhoghlam Gàidhlig an Earra-Ghàidheal

3 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd mu mar a tha a' Chomhairle a' dèiligeadh ri foghlam Gàidhlig.

A rèir BhPA na sgìre, Mìcheal Russell, dh'fhaodadh gum feum a' Chomhairle airgead a fhuair iad airson aonad Gàidhlig ro-sgoile ann am Bogha Mòr ann an Ìle a phàigheadh air ais, seach gu bheil iad air a chosg air foghlam Beurla.

Agus tha mì-thoileachas mòr ann an Dùn Omhain far a bheil a' Chomhairle air an àireamh de luchd-teagaisg Ghàidhlig ann an Sgoil Thaigh a' Chladaich a' ghearradh.

Tha Andreas Wolff ag aithris.