Aonad Gàidhlig an Ìle "na aonad Beurla"

  • 3 An t-Iuchar 2015
Airgead
Image caption Chan fhaodar airgead bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig a chleachdadh ach airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Dh'fhaodadh gum feum Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid taic-airgid a fhuair iad airson aonad ro-sgoile Ghàidhlig a thogail ann am Bogha Mòr ann an Ìle, a phàigheadh air ais.

Sin beachd BhPA na sgìre, Mìcheal Russell.

Tha pàrantan air dragh a nochdadh gu bheil an goireas ga chleachdadh a-nis airson aonad Beurla.

"'S e airgead a bha seo, mar a tha mise ga thuigsinn - agus bha mise nam mhinistear aig an àm - a thàinig bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig," thuirt Mgr Russell.

Mì-thoileachas

"Chan fhaodar airgead bho Mhaoin Chalpa na Gàidhlig a chleachdadh airson adhbhar sam bith eile seach foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ma tha an goireas a chaidh a cheannach leis a' mhaoin sin a-niste ga chleachdadh airson foghlaim tro mheadhan na Beurla, 's dòcha gum feum a' Chomhairle an t-airgead a phàigheadh air ais.

"Gu mì-fhortannach, tha fhios agam gu bheil cuid de phàrantan mar thà a' bhòtadh leis an casan, 's a' toirt na cloinne aca air falbh bhon Aonad Ghàidhlig," thuirt e.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad a' leasachadh sheirbheisean aig an aonad ro-sgoile Ghàidhlig ann am Bogha Mòr.

Aig a' cheart àm, tha mì-thoileachas mòr ann an Dùn Omhain, agus an àireamh thidsearan Gàidhlig aig Sgoil Thaigh a' Chladaich ga gearradh.

"Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air diofar àireamhan fhoillseachadh thuige seo, agus tha sinne air na h-uimhir de dh'iarrtasan a chur a-steach fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh 's sinn ag iarraidh soilleireachaidh," thuirt Dugaidh Mac a' Ghobhainn, bho Chomann nam Pàrant.

"'S e na tha a dhìth oirnn co-ionnanachd eadar sinn fhèin agus a h-uile aonad Gàidhlig eile ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

"Is coltach gu bheil beagan troimhe-chèile ann a thaobh mar a tha sin air a chur ri chèile.

"'S e an dragh as motha a th' oirnn, mar a tha am fiosrachadh sin air a thoirt seachad."

Tha dùil aig an sgoil gun èirich an àireamh de sgoilearan Gàidhlig a th' anns an sgoil an dèidh an t-Samhraidh, ach tha cuid air ceist a thogail mu dheidhinn sin, ri linn buaidh na mì-chinnt air pàrantan.

Thuirt a' Chomhairle gun robh iad a' cumail na h-àireamh de thidsearan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd aig an aon ìre, ach nach robh sgoilearan Gàidhlig gu leòr ann an Sgoil Thaigh a' Chladaich airson triùir thidsearan fhìrinneachadh.