Coinneamh mu Chumhnant-Baile Inbhir Nis

  • 2 An t-Iuchar 2015

Thuirt Ball-Pàrlamaid Inbhir Nis, Drew Hendry, gu bheil e an dòchas coinneachadh ri Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Greg Hands, 's na làithean a tha romhainn airson bruidhinn mun chùmhnant baile, luach nam milleanan notaichean, a dh'ainmich Riaghaltas Bhreatainn do bhaile Inbhir Nis.

Bha bruidhinn ann goirid ron taghadh choitcheann 's a Chèitean gum faigheadh prìomh bhaile na Gàidhealtachd suas ri £300m airson a chosg air pròiseactan san sgìre.

Ged a tha na ceudan mhìltean notaichean air an gealltainn mar thà, tha cuid teagmhach gun tig an còrr den airgead.

Thuirt Mgr Hendry gun dèan e strì làidir airson dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris na chaidh ainmeachadh.