Thèid èifeachd 's structar Bhòrd na Gàidhlig a sgrùdadh le luchd-comhairleachaidh.

  • 2 An t-Iuchar 2015
Bòrd na Gàidhlig
Image caption Tha structar 's èifeachd a' Bhùird gan sgrùdadh.

Tha e air tighinn am follais gu bheil Bòrd na Gàidhlig an impis luchd-comhairleachaidh fhastadh airson sgrùdadh a dhèanamh air èifeachd agus structar a' Bhùird.

Am measg eile, thèid sùil a thoirt air an airgead a tha ga chosg a' ruith a' Bhùird fhèin air an dàrna làimh, agus na thathas a' cosg a' coilionadh amasan leasachaidh Plana Nàiseanta na Gàidhlig air an làimh eile.

Thuirt am Bòrd nach eil gnothaich sam bith aig an seo ri mar a dh'fhàg an Ceannard aca, Iain Caimbeul, a dhreuchd bho chionn beagan làithean.

Tha am Bòrd air a dhol a-mach gu tairgse a' sireadh luchd-comhairleachaidh a dhèanamh an sgrùdaidh air cùmhnant, aig prìs £20,000.

Thuirt iad gur e Iain Caimbeul a chuir am plana ri chèile, agus gun leanadh iad air adhart leis a-nis ged a tha esan air falbh.

Èifeachd 's airgead

Bidh rannsachadh ann air dè tha luchd-obrach a' dèanamh agus a bheileas gan cleachdadh anns an dòigh as èifeachdaiche

Coimheadaidh iad cuideachd air na tha ga chosg de dh'airgead air ruith a' Bhùird fhèin seach air leasachadh na Gàidhlig.

Anns a' phàipear thairgse a chuir am Bòrd a-mach, tha iad ag ràdh: "Bheir an sgrùdadh gnìomhachail agus structaireil cothrom sùil a thoirt air buidseat iomlan a' Bhùird agus air na cinn-chosgais, a dhearbhadh a bheil na thathas a' cosg air ruith a' Bhùird fhèin a rèir na thathas a' cosg air leasachadh fo amasan Plana Nàiseanta na Gàidhlig."

Tha am Bòrd cuideachd ag aideachadh, anns na pàipearan, gu bheil e a' fàs nas doirbhe dhaibh an dleastanas, agus amasan coimhearsnachd na Gàidhlig, a choilionadh leis an stòras a tha aca.

"Tha iarrtas a' sìor fhàs air maoin a' Bhùird 's a' cur uallaich air structar an luchd-obrach ... amasan a' Phlana Nàiseanta a lìbhrigeadh.

"Cuidichidh an coimisean a' dèanamh a-mach ciamar a tha a' soirbheachadh dhan Bhòrd mar bhuidhean."

Thèid ceistean a chur cuideachd mun dòigh sa bheil am Bòrd a' conaltradh, an dà chuid taobh a-staigh na buidhne fhèin, agus air an taobh a-muigh.

Chaidh pàipearan tairgse a-mach aig deireadh a' Chèitein, 's dh'fheumadh tairgsean bho chompanaidh no bho bhuidhinn sam bith a bha ag iarraidh na h-obrach a bhith a-staigh ron 3mh là den Òg-mhìos.

Tha na pàipearan tairgse ag ràdh gun deadh cùmhnant a thoirt seachad timcheall air deireadh na h-Òg-mhìos.

Thuirt fear-labhairt Bhòrd na Gàidhlig gu bheil iad fhathast a' dol tron phròiseas agus nach deach cùmhnantan a thoirt seachad fhathast.

Tha am BBC a' tuigsinn nach robh gnothaich aig an sgrùdadh seo ri mar a dh'fhàg Iain Caimbeul a dhreuchd, ach gun robh gnothaich aig eas-aonta agus buaireadh am measg cuid de luchd-obrach a' Bhùird ris.

Tha luchd-obrach eile cuideachd air am Bòrd fhàgail no an impis fàgail.

Thuirt am Bòrd fèin gun do dh'fhalbh Mgr Caimbeul air adhbharan pearsanta.

Tuilleadh air an sgeulachd seo