Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Iuchar 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

A' Ghrèig

Bidh ministearan ionmhais na h-Eòrpa a' deasbad iarrtais ùire na Grèige airson taic-airgid feasgar an-diugh, an dèidh dha faileachadh air a' Ghrèig an-raoir iasad bhon IMF a phàigheadh air ais. Tha bancaichean na dùthcha a' fosgladh airson a' chiad uair an t-seachdain seo an-diugh, gus am faigh peinnseanairean cothrom airgead an sochairean a tharraing.

Heathrow

Tha Coimisean nam Port-Adhair ag ràdh gur ann aig Heathrow a bu chòir raon-laighe ùr do cheann an ear-dheas Shasainn a thogail. Ach chan eil iad a' cur cùl uile gu lèir ri Gatwick nas motha. An dèidh trì bliadhna de chonaltradh thèid molaidhean a' Choimisein gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, a nì co-dhùnadh air dè seòrsa leasachaidh a thèid air adhart. Tha luchd-gnothaich air a' Ghàidhealtachd ag ràdh gur e leudachadh aig Heathrow a b' fheàrr do cheanglaichean Inbhir Nis ri deas agus ri dùthchannan eile.

Tunisia

Tha cuirp cuid de na chaill am beatha sa cheannairc ann an Tunisia an t-seachdain seo chaidh a' tilleadh a Bhreatainn an-diugh. Bidh plèana leis an RAF a' laighe leotha aig Brize Norton ann an Oxfordshire feasgar.

Ospadal an Naoimh Eòin

'S e cion luchd-obrach as coireach nach bi uard cloinne aig ospadal air Taobh Siar Labhdainn a' cumail euslainteach às ùr tron oidhche fad mìosan an t-Samhraidh. Tha pàirt den uard aig Ospadal an Naoimh Eòin am Baile Dhùn Lèibhe, a' dùnadh Dihaoine. Ghabh an uard 3,000 duine-cloinne an-uiridh, agus chaidh còrr is 700 dhiubh sin a chumail tron oidhche.

Gleann Eagais

Chaidh làrach aoigheachd Ghleann Eagais ann an Siorrachd Pheairt a reic. Cha tuirt a' bhuidheann Diageo, aig an robh an taigh-òsta agus na goireasan eile, dè an t-sùim-airgid air an do reic iad e ris a' bhuidhinn thasgaidh phrìobhaidich Ennismore. Thug an làrach còrr is £43m a-steach an-uiridh, le prothaid de chòrr is £2.5m.

Iasgairean

Tha comainn iasgairean às na h-Eileanan an Iar, an Arcaibh agus ann an Sealtainn, ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba tuilleadh smachd a thoirt dhaibh air cùisean an iasgaich anns na sgìrean aca fhèin. Chuir iad litir anns a bheil deich molaidhean gu ruige sin, gu Ministear an Iasgaich, Derek MacAoidh. Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Alba an-diugh gu bheil iad a' dèanamh an dìcheill dhan ghnìomhachas, agus gu bheil iad air bruidhinn air a' chuspair seo mar thà, anns na còmhraidhean mu tuilleadh chumhachdan dha na sgìrean eileanach.