Coltas gun tèid Caisteal Chàrbasdail a reic

  • 30 An t-Ogmhìos 2015
Caisteal Chàrbasdail Image copyright Sotheby's
Image caption Tha companaidh-leasachaidh airson taigh-òsta spaideil a stèidheachadh ann an Caisteal Chàrbasdail.

Thuirt Coimisean na Coilltearachd gu bheil iad air co-dhùnadh leantainn orra le còmhraidhean a thaobh Caisteal Chàrbasdail is coille mun cuairt air a reic ri luchd-leasachaidh.

Tha 23 heactair timcheall air a' chaisteal ann an Cataibh.

Tha a' chompanaidh Caisteal Chàrbasdail Earranta airson an t-seann ostal òigridh a tha sa chaisteal a dhèanamh na thaigh-òsta spaideil.

Chosgadh iad £15m air an leasachadh is iad ag ràdh gun gabhadh timcheall air 60 cosnadh a chruthachadh.

Bhiodh a' choille ga sgeadachadh mar ghàrraidhean a' chaisteil.

Cothrom

Tha cuid de mhuinntir an àite air dragh a thogail nach fhaigheadh iad cothrom mar a th' aca an-dràsta coiseachd air an fhearann.

Thuirt Tim Cockerill bho Iomairt Coilltearachd na h-Alba ge-tà, gur e cothrom mòr a th' ann.

"Thug an luchd-leasachaidh fianais dhuinn gu bheil a' mhòr-chuid de na coimhearsnachdan san sgìre a' cur taic ris a' phròiseact agus gu bheil iad airson is gun tig e gu buil", thuirt Mgr Cockerill.

"S ann air sgàth sin, agus air sgàth nan suimean mòra a bhiodh ann, a thèid sinn air adhart le còmhraidhean a thaobh a' choille a reic.

"Tha sinn mothachail gu bheil cuid ann fhathast le draghan nach fhaigh a' choimhearsnachd air an fhearann a chleachdadh. Tha sinn air feuchainn ris na draghan sin a shàsachadh is cumaidh sinn oirnn ag obrachadh leis a' choimhearsnachd.

"Fhad 's a tha sinn a' bruidhinn ris an luchd-leasachaidh, bidh sinn gam brosnachadh gus a bhith ag obair leis a' choimhearsnachd gus am faigh a h-uile duine san sgìre buannachd às a' ghnothach", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile