Ban-Uibhisteach ga lorg slàn, sàbhailte

  • 30 An t-Ogmhìos 2015

Dh'innis na Poilis a th' air a bhith a' coimhead airson boireannaich a bha a dhìth ann an Uibhist, gun deach a lorg slàn sàbhailte.

Thug na Poilis taing do Mhaoir-Chladaich Steòrnabhaigh, am poball, agus do na meadhanan airson a bhith gan cuideachadh leis an iomairt gus Marion Donald a lorg.

Chaidh a lorg ann an Uibhist, an dèidh mar nach do thill i dhachaigh feasgar Diluain.