Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tunisia

Tha Rùnaire na Dùthcha, Theresa May, ann an Tunisia a' bruidhinn ris an Riaghaltas an sin mun ionnsaigh cheannairc Dihaoine anns an deach air a' char as lugha, 30 duine à Breatainn a mharbhadh. Thuirt Dàibhidh Camshron gu bheil an Stàit Ioslamach nan cunnart do Bhreatainn, agus nach eil teagamh sam bith ann nach eil a' bhuidheann ag amas air Breatannaich thall-thairis agus anns an dùthaich seo.

Thill a' chiad luchd-turais a dh'Alba an-diugh à Tunisia an dèidh na h-ionnsaigh. Tha mòran de na thàinig a-steach a Phort-adhair Ghlaschu air tighinn dhachaigh tràth bho shaor-làithean. Tha a h-uile coltas ann gun do chaill cupal à Comar nan Allt, Jim agus Ann McQuire, am beatha san ionnsaigh ann an Sousse, Dihaoine, agus chan eil sgeul nas motha air càraid à Peairt, Billy Greumach agus a bhean Lisa.

Am Morair Janner

Dh'innis Stiùiriche nan Casaidean Poblach ann an Sasainn, Alison Saunders, gun tèid casaidean mu ionnsaighean drabasta a thogail an aghaidh a' Mhorair Janner, a bha na Bhall-Pàrlamaid Làbarach. Thuirt Ms Saunders anns a' Ghiblean nach biodh cùis-lagha ann o nach robh am morair comasach air e fhèin a dhìon leis gu bheil dementia air. Dh'atharraich i an co-dhùnadh sin ge-tà, an dèidh ath-sgrùdaidh laghail. Tha am Morair Janner air a bhith a-riamh a' dol às àicheadh.

A' Ghrèig

Thuit luach nan earrainnean air na margaidhean Eòrpach, agus ann an Àisia leis an naidheachd gum bi bancaichean na Grèige dùinte fad na seachdain seo. Chan fhaod duine sa Ghrèig ach €60 gach là a tharraing bho bhanca, an dèidh dearbhaidh nach toir Banca Coitcheann na h-Eòrpa an còrr iasaid èiginnich dhan Ghrèig.

Bun-Sgoil Shlèite

Chuir còrr is 500 duine an ainm ri ath-chuinge, agus pàrantan ann an Slèite a' gearain gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' gearradh àireamh nan tidsearan Gàidhlig ann am Bun-Sgoil Shlèite gu dhà. Tha an sgoil ceathrar sgoilear gann air an àireamh airson triùir thidsearan a bhith ann. Thuirt a' Chomhairle gum feum iad cumail ri am poileasaidh, agus gum faigh an sgoil tidsear eile nuair a thèid àireamh nan sgoilearan suas a-rithist, mar a tha dùil a thachras an ath-bhliadhna.

Na Red Arrows

Bidh an sgioba itealan ainmeil na Red Arrows ri cleasachd os cionn Steòrnabhaigh feasgar an-diugh, mar phàirt de chomharrachadh gu bheil 150 bliadhna ann bho chaidh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh a stèidheachadh. Chaidh moladh do dhaoine a tha a' dol ann airson am faicinn càraichean fhàgail aig Sgoil MhicNeacail, no aig pàirce chàraichean na Comhairle.