500 a' cur an aghaidh gearradh tidseir

  • 29 An t-Ogmhìos 2015
Clas
Image caption Cuiridh Comhairle na Gàidhealtachd tidsearan ri sgoil a rèir na h-àireimh de sgoilearan.

Tha còrr 's 500 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge pàrant an aghaidh lùghdachadh a thoirt air an àireamh de luchd-teagaisg Ghàidhlig ann am Bun-Sgoil Shlèite.

Tha an sgoil ceathrar sgoilearan gann air an àireamh a dh'fheumte airson triùir luchd-teagaisg a bhith ann.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum feum iad cumail ris a' phoileasaidh aca, 's gum faigh an sgoil tidsear eile nuair a thèid àireamh nan sgoilearan suas a-rithist.

"Diluain seo chaidh fhuair sinn fios bho Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad a' dol a ghearradh aon de na tidsearan Gàidhlig againn ann am Bun-Sgoil Shlèite," thuirt Sarah Jane Chaimbeul bho Chomhairle nam Pàrant.

Bogadh

"Tha seo air tachairt le linn 's gu bheil sinn ceithir duine-cloinne gann den àireamh airson trì tidsearan.

"Ach le bhith a' toirt sùil air na h-àireamhan a th' againn an-dràsta san sgoil-àraich, tha sinn a' faicinn gum bi gu leòr cloinne againn airson an treas tidseir an ath-bhliadhna, agus fiù 's an ath-bhliadhna a-rithist.

"Tha Comhairle nam Pàrant air litrichean a sgrìobhadh gu Comhairle na Gàidhealtachd, ceannard an fhoghlaim aca, agus cuideachd gu Buill-Phàrlamaid agus gu Bòrd na Gàidhlig, dìreach airson an aire a thogail dhan t-suidheachadh sa bheil sinn.

"Agus a bharrachd air sin chuir sinn ath-chuinge air bhog, air-loidhne, dìreach trì là air ais, agus anns an àm ghoirid a tha sin, tha sinn air còrr is 500 ainm fhaighinn, bho dhaoine sa choimhearsnachd, ach cuideachd daoine nas fhaide air falbh, a' toirt taic dhuinn.

"Agus tha iad air ùine a chur seachad a' cur sìos nam beachdan a th' aca, carson a tha iad a' toirt taic dhuinn.

"Tha iad uile a' putadh an aon phuing a tha seo - gu bheil feum aig a' chloinn a tha seo air làn-bhogadh anns a' chànan ma tha sinn a' dol a dhèanamh adhartais ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha romhainn.

"Ma ghearras iad an treas tidsear againn tha e a' ciallachadh gum feum Clas 1 gu 4 a bhith a-staigh còmhla.

"Ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha còir làn-bhogadh a bhith aig a' chloinn ann an Gàidhlig eadar Clas 1 's 4.

"Ma tha Clas 4 a-staigh còmhla riutha, cha ghabh e dèanamh. Cha bhi làn-bhogadh aca.

"Agus a' chlann a tha seo a tha a' tighinn a-steach aig, can aois còig bliadhna air Clas 1 - tha iad òg, mòran dhiubh a' tighinn bho dhachaighean far nach eil a' Ghàidhlig idir idir, 's tha feum aig a' chloinn a tha seo air làn-bhogadh anns a' chànan.

"Agus rud cudromach eile, tha iad feumach air foghlam a tha cunbhalach bho bhliadhna gu bliadhna.

"Chan eil a' Chomhairle a' dol a shàbhaladh uiread sin de dh'airgead le aon tidsear a thoirt bhuainn airson aon bhliadhna," thuirt i.