Sgeama adhair ga leudachadh

  • 26 An t-Ogmhìos 2015
Plèana
Image caption Chuir cha-mhòr 14,500 duine an taic ris an duilleig Facebook.

Dh'aontaich a' chompanaidh adhair Loganair gun leudaich iad sgeama lasachaidh a th' aca do mhuinntir nan Eilean Siar, Arcaibh is Sealtainn, an dèidh coinneimh le luchd-iomairt oidhche Ardaoin.

Chaidh duilleag Facebook a chur air dòigh a' gearain air na chosgas e do dh'eileanaich ticead plèana fhaighinn.

Choinnich Àrd-Stiùiriche Loganair Stiùbhart Adams, ris an fhear a chuir an duilleag Facebook air dòigh, Scott Preston, ann an Sealtainn.

Bha BP nan Eileanan a Tuath, Alasdair MacIlleMhìcheal, cuideachd an làthair.

Mhair a' choinneamh còig uairean de thìde, a' crìochnachadh aig meadhan-oidhche.

Dh'aontaich Loganair gun tèid tursan gu tiodhlacaidhean teaghlaich a-nis a chur an lùib na sgeama aca, 's gum faigh Eileanaich lasachadh air leithid de thuras.

Dh'aidich a' chompanaidh nach eil an t-seirbheis aca do na h-Eileanan air a bhith earbsach gu leòr o chionn ghoirid.

Thuige seo, tha lasachadh air a bhith ri fhaodainn do dh'Eileanaich air turas don ospadal fon sgeama.

Chuir cha-mhòr 14,500 duine an taic ris an duilleig Facebook.