Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Fhraing

Tha aithrisean a' tighinn às an Fhraing air spreadhadh aig factaraidh faisg air Lyon, agus amharas ann gur e ionnsaigh Ioslamach a bh' ann. Tha na meadhanan naidheachd san Fhraing ag ràdh gun d' fhuair Poilis corp fireannaich agus an ceann air a chur dheth, agus bratach Ioslamach ri thaobh air làrach na factaraidh beagan deas air Lyon.

Cal Mac

Thuirt an t-aonadh RMT gum feum Riaghaltas na h-Alba, agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn eadar iad freagairt a thoirt do luchd-obrach air a bheil dragh mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach agus peinnseanan ma chailleas Cal Mac na seirbheisean ris a' chompanaidh phrìobhaidich Serco. Chan eil a' seòladh an-diugh ach mun treas cuid de sheirbheisean-aiseig a' chosta an iar, agus luchd-obrach air stailc airson 24 uairean bho mheadhan-oidhche.

Drabastachd Chloinne

Tha cùis-lagha a' tòiseachadh aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann, far a bheil dà bhuidhinn Chaitligeach ag iarraidh ath-sgrùdaidh laghail air mar a chaidh britheamh à New Zealand a chur os cionn an rannsachaidh mu dhrabastachd chloinne ann an Alba. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun cuir iad dìon air a' cho-dhùnadh, agus gum bi am britheamh, Susan O' Brien, a' tòiseachadh air a cuid obrach an ath-sheachdain.

Luchd-imrich

Tha na Dùthchannan Aonaichte ag ràdh nach deach an t-Aonadh Eòrpach fada gu leòr le sgeama far an tèid 60,000 luchd-siridh comraich a ràinig an Eadailt agus a' Ghrèig a roinn air dùthchannan eile air feadh na h-Eòrpa. 'S e sgeama saor-thoileach a tha seo, agus tha Breatainn am measg nan dùthchannan a tha a' diùltadh àite a thoirt do luchd-imrich.

Tesco

Thuirt Tesco gu bheil na figearan as ùire aca a' dearbhadh gu bheil iad air an t-slighe cheart. Reic iad 1% nas lugha de stuth air a' chiad thrì mìosan air a' bhliadhna-ionmhais seo, 's tha sin an coimeas ri 4% nas lugha aig an aon àm an-uiridh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh choinneamhan le Riaghaltasan na h-Alba 's na Rìoghachd Aonaichte, agus còrr is £40m de ghearraidhean romhpa air an ath-thrì bliadhna. Tha a' Chomhairle ag ràdh gur e buidseat nas lugha bho Riaghaltas na h-Alba, agus cosgaisean peinnsein is àrachais nàiseanta, as coireach ri droch shuidheachadh an ionmhais.

Banca na h-Alba

Tha bancaichean na h-Alba ann an Loch nam Madadh agus ann am Beinn nam Fadhla dùinte an-diugh. Thuirt Banca na h-Alba gu bheil iad duilich mun t-suidheachadh, agus gur e tinneas am measg luchd-obrach as coireach sa chiad àite, ach gu bheil cion sheirbheisean plèana agus stailc air na seirbheisean-aiseig an-diugh a' ciallachadh nach urrainn dhaibh luchd-obrach a chur ann à Steòrnabhagh mar a dh'iarradh iad.