Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionmhas na h-Alba

Thug Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, dearbhadh do bhuill ann am Pàrlamaid na h-Alba nach bi làn-smachd air ionmhas ann am Bile ùr na h-Alba. Thuirt Mgr Mundell ri Comataidh Fèin-Riaghlaidh Holyrood an-diugh gum biodh atharrachadh a tha cuid ag iarraidh sa Bhile - a' toirt smachd air cìsean agus cosgais do Dhùn Èideann - dona do dh'Alba, agus esan a' cumail a-mach gun tigeadh billeanan not de ghearraidhean na chois.

Stailc nan Aiseagan

Tha gnìomhachas turasachd nan Eilean Siar ag iarraidh chòmhraidhean eadar gach taobh ann an stailc Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn. Tha Buidheann Turasachd Innse Gall ag ràdh gu bheil dà de dh'iomairt air na seirbheisean-aiseig - an-dè agus an-diugh - le làn-stailc a-màireach, a' cur tilleadh air luchd-turais, agus a' dèanamh cron air eaconamaidh a tha gu math cugallach.

Agus tha earrainn eile de luchd-obrach Chal Mac a' beachdachadh air stailc. Tha an TSSA - an t-aonadh a tha a' riochdachadh ceud duine a tha ag obair ann an oifisean na companaidh - a' cumail baileat an ath-sheachdain, agus dragh orrasan cuideachd dè thachras ma chailleas Cal Mac na seirbheisean ris a' chompanaidh phrìobhaidich Serco.

An t-Aonadh Eòrpach

Tha Dàibhidh Camshron anns a' Bhruiseal an-diugh a' mìneachadh a phlanaichean airson leasachadh air an AE mus bi referendum ann am Breatainn ro dheiradh 2017 air fuireach no falbh às an aonadh. Tha a h-uile coltas ge-tà gum bi barrachd aire air dà chuspair eile aig an àrd-choinneimh an-diugh - fiachan na Grèige, agus èiginn le in-imrich à Afraga agus às an Ear-Mheadhanach.

A' Ghrèig

Agus thòisich còmhraidhean às ùr anns a' Bhruiseal an-diugh mu shuidheachadh na Grèige. Tha an IMF ag iarraidh tuilleadh ghearraidhean orra, ach tha an riaghaltas anns an Àithne ag ràdh gum feum na gearraidhean sin stad.

Tuathan-gaoithe

Thog an SNP ceistean ann an Taigh nan Cumantan an-diugh mu cho-dhùnadh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte stad bhon ath-bhliadhna den taic-airgid subsadaidh do thuathan-gaoithe air tìr. Chuir Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Amber Rudd, dìon air a' cho-dhùnadh sin, agus ise ag ràdh gum bi cosgaisean chumhachd san dachaigh nas lugha leis. Ach thuirt Mike Weir aig an SNP gu bheil an co-dhùnadh a' cur theagamhan mòra ann an gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail.

Sgìrean Glèidhte

Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, agus air an Aonadh Eòrpach, stad a chur air sgìrean glèidhte. Dh'aontaich a' Chomhairle an-raoir gun dèan iad tagradh airson cur às do sgìrean glèidhte a chaidh a chomharrachadh mar thà, agus dragh air buill mun bhuaidh a tha iad sin a' toirt air an eaconamaidh, agus air leasachadh anns na h-Eileanan.