Comhairle a' cur an aghaidh sgìrean glèidhteachais

  • 25 An t-Ogmhìos 2015
Na h-Eileanan
Image caption Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil an àrainneachd cho prìseil sna h-Eileanan ri linn mar a tha an sluagh air a bhith ag obair fad cheudan de bhliadhnaichean, 's gum feum luchd-glèidhteachais sin a thuigsinn.

Thèid Comhairle nan Eilean Siar a thagradh ri Riaghaltas Bhreatainn agus ris an Aonadh Eòrpach airson stad a chur air sgìrean glèidhte a bhith gan stèidheacahdh anns na h-Eileanan.

Tha a' Chomhairle ag ràdh nach eil buidhnean mar SNH a' toirt feairt air muinntir na sgìre.

Tha buill ag iarraidh cur às do sgìrean glèidhte a chaidh a chomharrachadh mar thà, agus cuideachd ag ràdh gur ann aig a' Chomhairle fhèin a bu chòir smachd a bhith air a' chòrr dhiubh.

Tha Cathraiche Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich na Comhairle , Alasdair MacLeòid, ag ràdh gum feum iad seo a dhèanamh 'son sluagh a chumail anns na h-Eileanan.

Ùpraid is Onghail

"Tha e a' ciallachadh gu bheil a' Chomhairle aon-ghuthach mu dheidhinn nan rudan a tha sinn a' cluinntinn bho na buidhnean mar SNH 's Marine Scotland. Tha iad air a dhol ro fhada," thuirt e.

"Tha sinn a' cantainn a-nis tha an t-àm stad. Tha sinn ag iarraidh bruidhinn ris an Riaghaltas - chan ann a-mhàin an Riaghaltas ann an Dùn Èideann, ach Riaghaltas Lunnainn, agus a dhol dhan AE fhèin.

"'Son tha sinn a' faicinn, tha cunnartan mòra ann dha ghnìomhachasan mar an t-iasgach, agus dhan eaconamaidh anns an fharsainneachd ma tha sinn a' dol a leigeil dha na buidhnean bho thaobh a-muigh nan Eileanan cur bacadh 's cur stad air an dòigh-beatha againn ann an dòigh," thuirt e.

Dh'iarr a' Chomhairle roimhe gun deadh moratorium fad deich bliadhna a chur air sgìrean glèidhte ùra sna h-Eileanan, ach cha deach leotha.

"Uaireannan feumaidh tu cumail ag èigheach 's ag onghail nuair nach fhaigh thu èisteachd an toiseach.

"Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dhuinn a dhol sìos slighe na Frainge. Nuair a bhios na Fraingich ag iarraidh cur stad air rudan nach eil a' còrdadh riutha, tha iad a' dèanamh ùpraid is onghail.

"Chan eil mi a' moladh sin, ach chan eil mi ag ràdh nach fheum sinn sealltainn ri dòighean eadar-dhealaichte airson 's gun toir an Riaghaltas agus na buidhnean glèidhteachais freagairt cheart dhuinn.

"Feumaidh sinn sealltainn gu bheil slighe eile ann nach do lorg sinn chun an seo, a nì feum dha na coimhearsnachdan againn fhìn, agus dha eaconamaidh nan Eileanan.

"Chan urrainn dhuinn stad aige seo agus cantainn uell, cumaibh a' dol mar a tha sibh.

"Airson, ma chumas seo a' tighinn air ar muin bliadhna às dèidh bliadhna, thig e chun an là nach urrainn dhuinn a bhith ag iasgach, a bhith a' buain mònadh, no a bhith a' dol dhan àrainneachd againn fhìn," thuirt e.

Tuigsinn

Tha Mgr MacLeòid a' gabhail ris gu bheil an àrainneachd sna h-Eileanan prìseil, ach tha e ag ràdh gu bheil i air tighinn beò an cois nan daoine fad linntean.

"'S iad na daoine againn fhìn, na coimhearsnachdan againn fhìn a chuir dìon air thairis air na bliadhnaichean. Mura biodh daoine a' dèiligeadh ris an àrainneachd mar a bha iad, cha bhiodh an àrainneachd againn mar a tha an-diugh. 'S e dìreach a bhith a' toirt orrasan tuigsinn.

"'S e an eagal a th' ormsa gu bheil feadhainn air taobh a-muigh nan Eileanan ag iarraidh gum biodh seo mar raon-cluiche, mar fhàsach ann an dòigh. Nach bi daoine idir ann - no ma bhios daoine ann nach bi tòrr aca ann.

"Tha daoine ag iarraidh dìon a chur air na mucan-mara. Tha iad ag iarraidh dìon a chur air na h-iolairean, 's chan eil càil ceàrr air sin.

"Ach feumaidh daoine agus coimhearsnachd a bhith an teis-meadhain cridhe nan coimhearsnachdan anns na h-Eileanan.

"Agus feumaidh sinne faighinn làmh an uachdair air na daoine a tha a' feuchainn ri cur stad air na daoine a bhith a' dèanamh mar a bha iad a' dèanamh bho chionn cheudan de bhliadhnaichean.

Dleastanas

"Feumaidh sinn dìreach cumail a' strì gum bi ar guth air a chluinntinn aig an fheadhainn a bheir atharrachadh air a' chùis mar a tha sinne ga fhaicinn.

"Chan urrainn dhuinn a leigeil seachad. Chan urrainn dhuinn a ràdh "uell chan eil càil as urrainn dhuinn a dhèanamh".

"Feumaidh Plana B, no Plana C a bhith againn fad na h-ùine, gun tuig iad cho làidir 's a tha daoine a' faireachdainn anns na coimhearsnachdan aca fhèin, gu bheil daoine bhon taobh a-muigh a' cantainn riutha "chan fhaod thu siud 's chan fhaod thu seo a dhèanamh" - agus 's ann a tha e a' toirt buaidh oirnne, chan ann orrasan," thuirt e.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil tighinn orra sgìrean glèidhte a chruthachadh.

"Tha àiteachan sònraichte gan taghadh ri linn 's gu bheil slòigh churdomach de dh'fhiadh-bheatha, no àrainneachd chudromach annta.

"Fo lagh cùise Eòrpach, chan fhaod comharraidhean glèidhteachais fo Stiùridhean Eòrpach nan Àrainnean 's an Eunlaith Fhiadhaich ach fianais shaidheansail a chleachdadh mar bhun-stèidh.

"Leanaidh còmhraidhean le ùghdarrasan ionadail agus daoine eile aig a bheil ùidh sa chùis ro, rè agus an dèidh co-chomhairle phoblaich sam bith, gu h-àraid a thaobh nam buannachdan a thig an cois chomharraidhean glèidhteachais, agus a thaobh na buaidh a bheir iad."

Tuilleadh air an sgeulachd seo