Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Ogmhìos 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stailc Chal Mac

Tha luchd-obrach Chal Mac a th' anns an aonadh RMT a' seachnadh uairean a bharrachd obrachadh an-diugh, agus a-màireach, mus tèid iad air làn-stailc airson aon là Dihaoine. Tha an RMT a' gearain nach eil gealltanas ann mu chosnaidhean, cùmhnantan-obrach no peinseann, agus Riaghaltas na h-Alba a' cur sheirbheisean-aiseig a-mach gu farpais. Thuirt Cal Mac gu bheil iad an dùil a' mhòr-chuid de na seirbheisean a chumail a' dol an-diugh agus a-màireach, ach cha tuirt iad dè thachras Dihaoine nuair a bhios làn-stailc ann.

Agus tha comhairliche Leòdhasach ag iarraidh dearbhaidh bho Mhinistear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gum feum cùmhnant nan seirbheisean-aiseig a dhol a-mach gu tairgse. Tha Dòmhnall Crichton am measg na tha a' cur teagamh ann an seasamh Riaghaltas na h-Alba a tha ag ràdh gum feum iad fon lagh na seirbheisean fhosgladh gu farpais.

A' Bhàn-righ

Chaidh Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte le chèile às àicheadh gum bi Alba a' cur nas lugha de thaic-airgid ris a' Bhàn-righinn le aonta fèin-riaghlaidh. Tha aithrisean ann gum bi Alba a' gearradh na sùim-airgid sin, le smachd aig Holyrood air teachd-a-steach Oighreachd a' Chrùin mar phàirt de leudachadh air fèin-riaghladh. Ach thuirt an dà riaghaltas an-diugh nach tachair sin.

Luchd-Imrich

Dh'innis Sràid Downing gun tèid buidheann ùr a stèidheachadh airson stad a chur air na buidhnean eucorra a tha a' cur luchd-imrich thar na Mara Meadhan-Thìrich. Bidh a' Bhuidheann Eucorra Nàiseanta, Feachd nan Crìochan 's na h-In-Imrich, agus Seirbheis Chasaid a' Chrùin ag obair còmhla ri oifigich anns an Roinn Eòrpa agus ann an Afraga.

Calais

Chaidh cùr gu mòr ri tèarainteachd air gach taobh den Chaolas Shasannaich agus luchd-imrich a' feuchainn ri brath a ghabhail air stailc a bha san Fhraing an-dè airson slighe a dhèanamh a Bhreatainn. Tha ùghdarrasan san Fhraing ag ràdh gum feum Breatainn barrachd a dhèanamh airson cuideachadh leis an t-suidheachadh a th' aig puirt na Frainge.

An Lighe Ratharsaireach

Thuirt Iain Blackford, Ball Rois, an Eilein Sgitheanaich gus Loch Abar ann an Westminster, gun dèanadh leudachadh air raon deuchainnean nam bàtaichean-aigeann ann an Lighe Ratharsair, call mòr air an iasgach anns an sgìre. Thuirt Mgr Blackford ann an Taigh nan Cumantan gun cuireadh e beò-shlàint' còrr is 100 iasgair ann an cunnart. Thuirt Ministear an Dìon, Philip Dunne, nach tàinig e gu co-dhùnadh de sheòrsa sam bith fhathast, agus gum bi iad a' bruidhinn ris na h-iasgairean mus tachair dad.

Cumhachd Ath-Nuadhachail

Thug Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar cuireadh do Rùnaire Chumhachd na Rìoghachd Aonaichte, Amber Rudd, a dh'fhaicinn dhi fhèin cho soirbheachail 's a dh'fhaodadh cumhachd ath-nuadhachail a bhith sna h-Eileanan. Thuirt Aonghas Caimbeul, ged a tha dragh orra mar ùghdarras mun atharrachadh ann an subsadaidh do thuathan-gaoithe air tìr, gu bheil e den bheachd gu bheil Amber Rudd taiceil do phròiseactan ath-nuadhachail ann an sgìrean iomallach agus eileanach.