Aimsir "na buille" do chroitearan

  • 24 An t-Ogmhìos 2015
Crodh
Image caption Tha droch aimsir an Earraich agus toiseach an t-Samhraidh a' fàgail nach eil mòran fàis idir air a bhith ann air na monaidhean am-bliadhna.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba taic-airgid a thoirt do chroitearan an dèidh droch aimsir an Earraich agus toiseach an t-Samhraidh.

Chan eil mòran fàis ann agus thainig air mòran feur, fodair agus biadh stuic a cheannach gu math nas fhaide na bhiodh dùil aca.

"O mheadhan na Màirt gu deireadh a' Ghiblein, nuair a bha thu a' coimhead ris gum biodh am feur a' fàs co-dhiù, cha robh fàs idir ann," thuirt Dòmhnall Dòmhnallach, a tha na chroitear san Eilean Sgitheanach.

"Agus fiù 's aig àm breith nan uan cha robh feur air na monaidhean an uair sin.

CAP

"Bhiodh tighinn air daoine a bhith a' ceannach a-steach feur is fodair is biadh eile à pocannan.

"Chan eil a' chosgais fada goirid air a bhith dùbailte 's a bha e mun àm seo an-uiridh.

"O chionn, 's e bliadhna mhath a bh' againn an-uiridh, no bliadhna cuimseach math a bh' againn mun àm seo, agus mar sin cha bhiodh daoine a' cosg uimhir air, airson bha beathaichean comasach air a bhith gan cothachadh fhèin às a' ghrunnd, barrachd air na bha iad am-bliadhna," thuirt e.

Chan e a-mhàin nach eil feur ann mar a bha dùil, ach tha am feur a tha ann gann de shiucair, ri linn cho beag grèine 's a tha e air a bhith a' faiginn, tha an Caidreachas ag ràdh.

Sgrìobh an Caidreachas gu Rùnaire an Àiteachais, Ridseard Lochhead, ag iarraidh gun tèid taic-airgid èiginneach a thoirt do chroitearan fhad 's a tha an stoc fhathast aca agus a tha feum aca air feur is eile a cheannach a-steach.

Thuirt Stiùiriche a' Chaidreachais, Joyce Wilkinson, gun tuirt an Riaghaltas riutha gun deadh ais-phàigheadh an CAP a phàigheadh an t-seachdain seo, agus gum faoidte coimhead air sin mar thaic-airgid èiginneach.

Ach thuirt i gun robh an t-airgead sin stèidhichte air ceudad de thagradh a' chroiteir, às aonais a' chiad £2,000, agus gu bheil sin a' ciallachadh gur e glè bheag a gheibh croitearan beaga, ma gheibh iad dad idir.

"Tha an Caidreachas gu làidir den bheachd gum feum taic-airgid èiginneach dha-rìribh a bhith air a phàigheadh cho luath 's a ghabhas gus suidheachadh èiginneach a sheachnadh do chroitearan - iasdan a chuireas laoigh ri siostam mart-fheòil na h-Alba, air an tig call ma seach mura dèanar rudeigin mu dheidhinn seo a-niste," thuirt Ms Wilkinson.